Atharrachadh ga mholadh ann an sealg na circe fraoiche

Grouse shooting Image copyright Getty Images

Mhol aithisg ùr dhan Riaghaltas gum bu chòir siostam ceadachaidh ùr a stèidheachadh airson sealg na circe fraoiche ann an Alba, mura bi lùghdachadh ann taobh a-staigh còig bliadhna san àireamh de dh'eòin-chreachaidh a tha gam marbhadh.

Tha siud am measg nam molaidhean a nochd anns an aithisg Werritty, a bh' air iarraidh às dèidh mar a chaidh mòran de dh'iolairean buidhe na dùthcha a dhìth ann an dòigh amharasaich.

Tha an aithisg cuideachd a' moladh atharrachaidhean eile ann am mar a bhios monaidhean na circe fraoiche gan ruith.

Tha riochdairean nan uachdaran ag ràdh gum biodh an siostam na chrathadh mhòr air mar a tha monaidhean seilge gan ruith.

Chuir RSPB na h-Alba fàilte air an aithisg ach thuirt iad gun robh barrachd ri dhèanamh na thathas a' moladh anns an aithisg.

Molaidhean

A rèir aithisg a dh'fhoillsich Urras Nàdair na h-Alba ann an 2017, 's ann air no mun cuairt air monaidhean seilge a chaidh trìan de na h-iolairean-buidhe air an robh tagaichean a dhìth.

Às dèidh na h-athisg ud, stèidhich Riaghaltas na h-Alba buidheann sònraichte gus an cuspair a rannsachadh ann am barrachd doimhneachd.

Chaidh iarraidh air an Oll. Alan Werritty bho Oilthigh Dhùn Dè obair na buidhne a stiùireadh.

Bha iad dà bhliadhna a' rannsachadh chleachdaidhean a' ghnìomhachais agus aig a' cheann thall rinn iad 16 molaidhean.

Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choinneagan, gum beachdaicheadh Riaghaltas na h-Alba air molaidhean na h-aithisg mus toireadh iad seachad am beachd fhèin orra.

Ach thuirt i, nan aontaicheadh an Riaghaltas gun robh feum ann air siostam ceadachaidh, gum biodh i airson is gun tòisicheadh a leithid na bu thràithe na chaidh a mholadh san aithisg.