Tuilleadh criutha a dhìth san t-Òb
- Air fhoillseachadh

Tha tuilleadh criutha a dhìth air bàta-teasairginn an t-Òib sna Hearadh agus gainnead dhaoine air maill a chur orra am-bliadhna.
Chaidh am bàta a tharraing a-mach à seirbheis toiseach na mìos le tinneas sa chriutha, ged a tha dùil gun till i an ath-sheachdain.
Tha iad a-niste a' sireadh dhaoine bho sgìre nas fharsgainne.
"Tha bliadhna gu math soirbheachail air a bhith againn mar sheirbheis teasairginn," thuirt oifigear naidheachd na sgioba, Catriona NicIllinnein.
Deich mionaidean
"Tha sinn air bliadhna shlàn a chur seachad leis a' bhàta-teasairginn ùr againn, an Shannon.
"Ach chan eil a' bhliadhna air a bhith gun duilgheadasan.
"Am prìomh dhuilgheadas a th' againn 's e gu bheil gainnead de chriutha againn anns an sgìre ionadail.
"Cha robh sinn riamh air ar gairm far nach b' urrainn dhuinn a dhol ann air sgàth a' ghainneid a tha seo - ach tha sinn dìreach mothachail gum biodh sinn a' faireachdainn nas cofhurtaile nam biodh barrachd air liosta a' chriutha againn.
"Tha sinn a' lorg dhaoine a tha a' fuireach faisg air làimh.
"Mar as trice, nuair a tha an RNLI a' lorg criutha, tha iad ag iarraidh nach bi iad càil nas fhaide na deich mionaidean anns a' chàr air falbh bhon stèisean.
"Ach anns an t-suidheachadh seo, tha sinn air cead sònraichte fhaighinn on RNLI an sanas a tha sin a sgaoileadh a-mach gu daoine a tha a' fuireach rud beag na fhaide na deich mionaidean air falbh.
Astar
"Tha iad a' tuigsinn gu bheil sinne ann an seo ann an ceann a deas na Hearadh, a' fuireach ann an àite a tha gu math sgaipte.
"Tha daoine agad suas an taobh an iar, 's suas an taobh an ear, agus tha iad a' tuigsinn gum feum sinn tòiseachdainn air coimhead ann an sgìre nas fharsainne na dìreach timcheall air an t-Òb fhèin.
"Cuideachd tha iad a' gabhail a-steach, leis a' chead shònraichte a tha seo, am bàta a th' againn.
"An Shannon a tha seo, tha i comasach air siubhal aig astar de chòrr is 25 Knot, agus mar sin ruigidh i tubaist no suidheachadh èiginneach aig muir ann an ùine tòrr nas giorra na can an t-seann bhàta-teasairginn a bh' againn, am Mersey.
"Agus mar sin, leis gu bheil am bàta a' dol tòrr nas luaithe, bheir sin dhuinn cothrom beachdachadh air criutha a bhith an sàs a tha a' fuireach rud beag nas fhaide air falbh, agus tha sinne an dòchas le bhith a' sanasachd a-rithist airson criutha, agus a' coimhead ann am bailtean rud beag nas fhaide air falbh, gun tàl sin daoine thugainn," thuirt i.