Cha tèid an t-ainm "Loch Nis" a ghlèidheadh airson suaidheantas-malairt uisge-beatha a-mhàin

Loch Nis

Dh'fhailig air companaidh uisge-beatha an t-ainm "Loch Nis" a ghlèidheadh dhaibh fhèin airson suaidheantas malairt 'son an uisge-beatha aca fhèin.

Bha Donnchadh Tàilleir Uisge-beatha Earranta a' dèanamh a-mach gun robh iadsan air ainm an locha ainmeil a chleachdadh bho 2008.

Dh'fheuch iad ri sia suaidheantasan-malairt a thoirt far ghnìomhachas eile, Loch Ness Spirits Earranta.

Ach às dèidh èisteachd aig Oifis na Seilbheachd Innleachdail (OSI) cha deach leotha.

Fo-chompanaidh

'S ann le Donnchadh Tàilleir Uisge-beatha Earranta a tha fear dhe na cruinneachaidhean as motha de dh'uisge-beatha ann a casgaichean, agus tha iad a' dèanamh uisge-beatha cuideachd.

Bha iad ag argamaid gun robh iadsan air an t-ainm Loch Ness a chleachdadh ann a fo-chompanaidh, The Original Loch Ness Whisky Company Earranta bho 2008.

Bha iad ag iarraidh air an OSI an t-ainm Loch Ness a thoirt air falbh bhon a' chompanaidh Loch Ness Spirits - a bhitheas a' dèanamh gin is vodka, leis gum biodh daoine mì-chinnteach mu dè chompanaidh ris an robh iad a' deiligeadh.

Suaidheantas

Ach chuir Loch Ness Spirits argamaid air adhart nach urrain do ghnìomhachas sam bith suaidheantas de dh'àite air a bheil mòran eòlach, a ghlèidheadh dhaibh fhèin.

Thuirt iad cuideachd gur e an uilebheist a bha faighinn prìomhachas air suaidheantas na botail aca 's chan e na faclan Loch Ness.

Thuirt an t-Oll Lorien Cameron-Ross aig a bheil Loch Ness Spirits gun do thagh iad an t-ainm air sgath's gu bheil an teaghlach aice air a bhith a' fuireach air bruaichean Loch Nis airson còrr is 500 bliadhna.

Thuirt an neach-èisteachd aig an OSI nach robh a' chompanaidh aig Donnchadh Tàilleir comasach air sealltain gun ann acasan a bha 'deagh-thoill' sam bith a chaidh fhaighinn bho bhith cleachdadh na faclan Loch Ness co-cheangailte ri uisge-beatha, agus gun robh sin adhbhar gu leòr dha an co-dhùnadh aige a' ruighinn.