Sgiobair a' fàgail ChalMac às dèidh 45 bliadhna

An Caiptean Ailig Moireasdan Image copyright CalMac
Image caption Chuir an droch shìde mail air a' Chaiptean Moireasdan air an t-seòladh mu dheireadh aige eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil.

Tha an Caiptean Ailig Moireasdan a' leigeil dheth a dhreuchd às dèidh 45 bliadhna a' seòladh le Caledonian Mac a' Bhriuthainn.

Thòisich e còmhla ris a' chompanaidh ann an 1974 ag obair mar 'second mate' air an MV Iona mus do ghabh e dreuchd an sgiobair air an MV Lochmor sia bliadhna às dèidh sin.

Bha ise a' frithealadh nan Eileanan Tarsainn.

Tha e air a bhith na chaiptean air an MV Isle of Lewis 'son an 22 bhliadhna mu dheireadh, a' seòladh an toiseach eadar Ulapul is Steòrnabhagh agus a-nise eadar an t-Òban agus Bàgh a' Chaisteil.

Atharrachaidhean

"Tha mi air mòran atharrachaidhean fhaicinn thairis air na bliadhnaichean, ach tha mi a' dèanamh an aon rud 's a rinn mi bho thòisich mi san obair agus 's e sin a' giùlain luchd-siubhail agus cargo gu sàbhailte eadar dà phort," thuirt an Caiptean Moireasdan.

Chur e seachad 10 bliadhna ag obair air an MV Hebridean Isles, a' seòladh eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart, agus chòrd na bliadhnaichean sin ris gu mòr

"Tha cuimhnichean sònraichte math agam bhon àm sin, bha e na bu shocaire, agus mhothaich mi sin nuair a ghluais mi dhan t-seirbheis eadar Ulapul is Steòrnabhagh - bha cuideam nas motha orm bho na companaidhean bathar.

Aon rud a tha an Caiptean air mothachadh, 's e an t-atharrachadh a tha a' tighinn air an t-sìde agus mar a tha sin a' toirt buaidh air seirbheisean aiseig.

Pàtran

"Chan eil e cho furasta fios a bhith agad air dè seòrsa aimsire a tha a' tighinn. Bha pàtran na na b' fhollaisiche nuair a bha mise na b' òige. Nam biodh bruthadh ìosail a' tighinn a-steach bhon Chuan Siar, rachadh e seachad, agus bhiodh a' ghaoth a' socrachadh, ach a-nise, tha e coltach gu bheil barrachd gaoithe ann.

'Channain-sa gu bheil na geiltean nas miosa na bha iad bho chionn fhada'.

Image copyright CalMac
Image caption An Caiptean Moireasdan air an MC Claymore ann am Baile Átha Cliath ann 1996 nuair a bha i air iasad a' toirt taic dhan an USS John F Kennedy

Tha barrachd cuideam air CalMac barrachd sheirbheisean a thoirt seachad agus 's e dùbhlan a tha sin nach bi an Caiptean Moireasdan ag ionndrainn.

"Ann an dòigh, tha sinn air a bhith ro shoirbheachail, mar as fheàrr a nì sinn, 's ann a thathas ag iarraidh barrachd bhuainne.

Clàr-ama

"Anns na làithean a chaidh seachad bha seirbheisean stèidhichte agad sa Gheamhradh, ach a-nise chan eil mòran eadar-dhealachaidh eadar clàr-ama a' Gheamhraidh agus fear as t-Samhraidh.

"Tha daoine a' siubhal barrachd, agus tha sin a' cur dùbhlain ro na h-aiseagan - bha uair a bhiodh cothrom againn obair-càraidh a dhèanamh nuair a bha an clàr-ama na bu shocraiche, ach cha mhòr gu bheil ùine ann 'son sin leis a' chlàr-ama a dh'fheumas a bhith againn, 's tha seo a' ciallachadh gu bheil na h-aiseagan a' bristeadh nas trice," thuirt an Caiptean.

Chuir an droch shìde maill air a' Chaiptean Moireasdan air an t-seòladh mu dheireadh aige eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil - an aon rud a thachair nuair a thòisich e mar sgiobair ann a 1980 agus le fiamh a' ghàire air aodan thuirt e gur e sin an rud air an cuimhnich daoine.

Ach le naoinear oghaichean, cha chreid e gum bi ùine aige a bhith a' smaointinn cus mun t-seann dreuchd.