Peat & Diesel a' feuchainn air No1

Peat and Diesel Image copyright Paul Campbell
Image caption Bhuannaich Peat & Diesel an còmhla beò is fhèarr aig Duaisean na Trads nas traithe air a' mhìos 'sa.

Bliadhna às dèidh a' chiad chuirm bheò aca, tha an còmhlan-ciuil à Leòdhas, Peat & Diesel a' feuchainn air àireamh a h-aon a' ruighinn anns na clàran airson na Nollaige.

Tha triùir 'sa chòmhlan, Boydie MacLeòid a tha na iasgair agus a bhitheas a' cluich a' ghiotair agus a' seinn, neach-dealain, Innes Scott a bhitheas a' cluich a' bhocsa agus dràibhear, Uilleam MacLeòid air na drumaichean.

Tha'd air grunn òrain èibhinn a sgrìobhadh a' toirt sùil air beatha nan eilean agus tha iad a' còrdadh gu mòr ri daoine às an sgìre.

Tha na bhideoan aca air sgapadh gu luath air na meadhanan soisealta.

Chluich iad aig HebCelt am-bliadhna, a bharrachd air Belladrum agus chaidh na tiocaidean airson na cuirm aca aig na Barrowlands ann an Glaschu a reic taobh a-staigh latha.

Tha'd a' dol air 'tour' an ath-bhliadhna agus tha'd mar tha air 7,000 tiocaid a reic airson sin.

'The Blones they were swinging, old Bodachs were singing'

Bhuannaich iad an Còmhlan Beò is Fhèarr aig Duaisean na Trads nas tràithe air a' mhìos seo agus 's e boilersuit a bha air Boydie airson an duais a thogail.

Tha iad air soirbheachadh gu mòr le a bhith cruthachail le faclan ceangailte ri croitearachd agus a leithid.

'S e Uptown Fank ainm a' chiad chlàir aca, agus Light My Byre air an dàrna clàr.

Bidh iad a' cur nam faclan aca fhèin ri òrain ainmeil leithid an fhir a th'aca anns na clàran an-dràsta - Fairytale of Stornoway an àite Fairytale of New York mar a bha san òran aig na Pogues.

Gheibh iad a-mach Dihaoine an do shoirbhich leotha àireamh a h-aon a ruighinn.