skips
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dìth chairtean-sgudail ann an Nis

19 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha iomagain air muinntir Nis ann an Leòdhas mu cho beag sa tha 's a sgìre do chairtean sgudail, no skips, agus iarrtas mòr ann bho dhaoine tha ag iarraidh sgudal a chur air falbh.

Tha e coltach gu bheil duilgheadas aig a' Chomhairle cairtean-sgudail fhaighinn a tha a-rèir riaghailtean sàbhailteachd.

Tha Oighreachd Ghabhsainn ag iarraidh air daoine a bhith foighidneach agus gealltanas ann skips fhaighinn sa Bhliadhn' Ùr. Ach tha eagal orra gum faodadh daoine tòiseachadh a' tilgeadh sgudail a dh' àite sam bith.