Leasachadh a' Chàirn Ghuirm ga cheadachadh

Ionad-sgìthidh Image copyright JohnFieldingGeograph

Thèid cruth chuid de na slèibhtean ìosail aig Ionad-Sgìthidh a' Chàirn Ghuirm atharrachadh aig deireadh an t-seusain gus an cùm iad sneachda nas fheàrr.

Tha cuid air cur an aghaidh nam planaichean, is iad ag ràdh gum bi droch bhuaidh air coltas an àite agus air dreach nàdarra na sgìre.

A dh'aindeoin sin, thug Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh taic dha na planaichean gu h-aona-ghuthach.

Mar phàirt den obair seo, thèid cruth chuid de na slèibhtean faisg air ionad an Daylodge atharrachadh le obair-cladhaich agus thèid tuill a lìonadh.

Tha Ionad Sgìthidh a' Chàirn Ghuirm ag ràdh gur e pàirt fìor thrang a tha seo den ionad.

Tha iad ag ràdh gur e obair deatamach a th' ann, gus am faigh iad am feum as motha às na h-innealan a tha a' dèanamh sneachda, agus goireas nas fheàrr a chruthachadh airson luchd-tòiseachaidh.

Tha sgoiltean sgìthidh san sgìre air fàilte a chur air sin, is iad ag ràdh gum bi barrachd sneachda ann airson luchd-ionnsachaidh, is coltas gun tig barrachd dhaoine dhan ionad.