MacColla: "'S fheàrr tòiseachadh às ùr air dà bhàta-aiseig"

MV Glen Sannox Image copyright Getty Images

Bu chòir cur às do dhà bhàta-aiseig a tha gan togail do ChalMac an-dràsta agus tòiseachadh às ùr, a rèir fhir-ghnothaich leis an robh Gàrradh MhicFhearghais.

Thuirt Jim MacColla nach eil ciall ann am plana Riaghaltas na h-Alba £110m a bharrachd a chosg a' feuchainn ri cùisean a chur ceart leis an dà bhàta.

'S esan a bha os cionn a' ghàrraidh, far a bheil na soithichean gan togail, mus do ghabh Riaghaltas na h-Alba smachd.

Thàinig e am follais Diciadain gu bheil cosgaisean air dùblachadh airson an dà shoithich agus nach bi an tè a bhios a' frithealadh Uibhist, na Hearadh agus an Eilein Sgitheanaich deiseil airson trì bliadhna eile co-dhiù.

Chaidh rianachd a' ghàrraidh nuair a bha e fo shealbh Mgr MhicColla a chàineadh ann an aithisg ùr an Riaghaltais.

Image caption Rinn Jim MacColla càineadh air planaichean Riaghaltas na h-Alba, a tha gus co-dhiù £110m a chosg air an dà bhàta-aiseig.

Thuirt an aithisg gun robh cion stiùiridh air na dàilean adhbhrachadh.

Ach tha Mgr MacColla a' cur a' choire air an Riaghaltas fhèin, agus tha e ag ràdh gu bheil e a' bruidhinn ris an luchd-lagha aige mu dhèidhinn na thuirt iadsan mu a dhèidhinn-san.

Ath-sgrùdadh

Aig a' cheart àm, thèid rannsachadh ùr a dhèanamh aig Pàrlamaid na h-Alba air mar a thathas a' tabhainn chùmhnantan agus a' togail bhàtaichean-aiseig às dèidh mar a thachair aig Gàrradh MhicFhearghais.

Bha dùil aig mòran gum biodh a leithid a' tachairt, a rèir BhPA Na h-Eilean Siar, Alasdair Allan.

"Bha fios aig a h-uile duine gun robh rudeigin a' dol gu tùr ceàrr aig a' ghàrradh ann am Port Ghlaschu, so tha mise toilichte gum bi a' Chomataidh a' coimhead a-steach air a' ghnòthach sin."

Nì Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail aig Pàrlamaid na h-Alba ath-sgrùdadh agus dùil aca gun gabh leasanan ionnsachadh leis mar a chaidh an gàrradh a thoirt ann an sealbh an Riaghaltais.

Coimheadaidh iad cuideachd air a' bhuaidh a bhios aig Brexit air mar a tha a leithid seo de chùmhnantan air an toirt seachad.