Duine gun Ghàidhlig gu bhith aig a' Bhòrd?

Bòrd na Gàidhlig

Tha e a' dèanamh dragh dhan bhuidhinn strì Misneachd, gu bheil Bòrd na Gàidhlig a' coimhead ris a' phoileasaidh aca atharrachadh is daoine aig nach eil Gàidhlig fhastadh.

Chaidh a' phuing seo a thogail ann an aithisg Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba, a thog draghan mu stiùireadh agus dòighean-obrach a' bhùird.

Ach, tha iomagain air Misneachd gun toireadh atharrachadh poileasaidh droch bhuaidh air a' chànan.

"Tha sinn toilichte gu bheil sgrùdadh ann, agus gu bheil molaidhean làidir ann airson Bòrd na Gàidhlig a dhèanamh nas fheàrr," thuirt Gille-Chrìost MacGill-Eòin bho Mhisneachd.

Cudromach

"Tha laigsean ann. Tha sinn uile air mòran a chluinntinn mu dheidhinn, agus tha Misneachd ag aontachadh ris a' mhòr-chuid de na molaidhean a thaobh nan dàimhean pearsanta eadar daoine sa bhuidhinn, is mar a tha iad ag obair is mar sin air adhart.

"'S e dìreach dà rud beag a bha a' cur dragh oirnn anns an sgrùdadh.

"B' e sin sa chiad dol-a-mach gur dòcha gum bi aig Bòrd na Gàidhlig ri bhith a' fastadh dhaoine gun Ghàidhlig mura n-urrainn dhaibh na h-obraichean a lìonadh.

"Tha an sgrùdadh ag ràdh gur dòcha gum bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead ri sin a dhèanamh.

"Tha sinn a' smaointinn gum biodh sin a' dèanamh trioblaid a thaobh a bhith a' cleachdadh Gàidhlig anns an àite-obrach, agus mar a tha iad a' toirt seachad sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig.

Eisimpleir

"Tha sinn feumach air barrachd àitean-obrach Gàidhlig, seach nas lugha.

"Tha e fìor gu bheil trioblaidean ann, ach tha sinne a' creidsinn nach eil 's dòcha an luchd-sgrùdaidh a' tuigsinn buileach cho cudromach 's a tha e gum biodh Gàidhlig aig na daoine seo gus an urrainn dhaibh an obair a dhèanamh gu ceart.

"Mura h-eil daoine gu leòr aig a bheil Gàidhlig leis na sgilean sin, feumaidh iad coimhead ri rudan a chur air dòigh, sgeamaichean trèanaidh is mar sin air adhart gus daoine a lorg agus na sgilean sin a thoirt dhaibh.

"Tha rudan anns an sgrùdadh mu dheidhinn sin, agus tha sinn a' fàilteachadh sin, ach tha an t-eagal oirnn, ma bhios iad dìreach ag atharrachadh an fheadhainn a tha iad a' fastadh, gur e leisgeul a bhios an sin airson an rud as fhasa a dhèanamh.

"Mura n-urrainn dhan Bhòrd sin a dhèanamh, dè seòrsa eisimpleir a tha e a' toirt do bhuidhnean eile?" thuirt e.

Cha chanadh Cathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais a bheil iad am beachd am poileasaidh atharrachadh.

Thuirt ise, 's i a' bruidhinn air Aithris na Maidne, gu bheil iad cho fada 's is urrainn dhaibh a' fastadh dhaoine le Gàidhlig, ach gun tig orra, corra uair, feadhainn aig nach eil a' Ghàidhlig a chleachdadh.