Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bile Bhrexit

Tha Buill-Phàrlamaid a' deasbad bile an Riaghaltais an-dràsta airson falbh às an Aonadh Eòrpach le làn-dùil gun gabh Taigh nan Cumantan ris feasgar. Tha gearain ann ge-tà, gun deach riaghailtean mu chòraichean luchd-obrach, an àrainneachd agus còraichean cloinne fògarrach a thoirt a-mach às a' bhile. Thuirt Boris Johnson aig toiseach an deasbaid gu bheil an t-àm ann gluasad air adhart agus an dùthaich a thoirt còmhla.

Banca Shasainn

'S e Anndra Bailey riaghladair ùr Bhanca Shasainn an àite Mark Carney a dh'fhalbhas às a' Mhàrt an dèidh seachd bliadhna san dreuchd. Tha Mgr Bailey an-dràsta na cheannard air Ùghdarras Modh an Ionmhais. Thuirt an Seansalair, Sajid Javid, nach eil teagamh nach e Mgr Bailey am fear as fheàrr a chur a-steach airson na h-obrach.

Gàrradh MhicFhearghais

Thuirt am fear-gnothaich Jim McColl, dham buineadh Gàrradh MhicFhearghais, gum bu chòir stad a thogail an dà bhàt'-aiseig do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn agus tòiseachadh às ùr. Tha Mgr McColl ag ràdh gu bheil e gun chiall do Riaghaltas na h-Alba còrr is £100m eile a chur ris na bàtaichean sin - nach eil ach leathach-deiseil. 'S esan a bha os cionn a' ghàrraidh mus do ghabh Riaghaltas na h-Alba smachd air. Tha Mgr McColl cuideachd a' maoidheadh a dhol gu lagh an aghaidh Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, a thuirt gur e cion stiùiridh nuair a bhuineadh an gàrradh do Mhgr McColl as coireach gu bheil an dà bhàta fada air dheireadh agus gu math nas daoire na bu chòir. Bidh Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba a' dèanamh ath-sgrùdaidh a-niste air mar a tha an Riaghaltas a' cur a-mach chùmhnantan airson bhàtaichean-aiseig ùra.

Bòrd na Gàidhlig

Tha dragh air a' bhuidhinn iomairt Misneachd gun dèan e cron air a' Ghàidhlig ma dh'atharraicheas Bòrd na Gàidhlig poileasaidh gum feum Gàidhlig a bhith aig luchd-obrach. Tha gum bu chòir beachdachadh air luchd-obrach gun Ghàidhlig am measg na th' ann an aithisg Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a thug am follais laigse ann an stiùireadh agus dòighean-obrach a' Bhùird. Cha chanadh Cathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais a bheil iad am beachd am poileasaidh atharrachadh. Thuirt ise gu bheil iad cho fada 's is urrainn dhaibh a' fastadh dhaoine le Gàidhlig, ach gun tig orra, corra uair, feadhainn aig nach eil a' Ghàidhlig a chleachdadh.