An ùine a' ruith air iomairt lagha an aghaidh seann mhanaich

An t-Ath. Denis "Chrysostom" Alexander

Tha nas lugha na dà mhìos air fhàgail aig luchd-casaid an Alba seann mhanach Caitligeach a tha fo chasaidean droch-dhìol chloinne a thoirt a dh'Alba à Astràilia.

Tha na casaidean co-cheangailte ris an àm a bha e ag obair aig seann sgoil chòmhnaidh Abaid Chille Chuimein.

Dh'fhailich air ath-thagradh a rinn Mgr Denis "Chrysostom" Alexander, a tha 83, an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas Astràilia ceadachadh gun tèid e mu choinneimh cùirte an Alba.

Tha e a' dol às àicheadh nan casaidean, 's tha e ga chumail an grèim ann an Sidnidh.

Chaidh na casaidean na aghaidh a thoirt am follais an toiseach ann am prògram air a' BhBC ann an 2013.

Tha e fo chasaid gun do rinn e "droch-dhìol feiseil agus fiosaigeach" an aghaidh sianar, eadar 11 agus 15 bliadhna de dh'aois, fhad 's a bha e na thidsear aig sgoil chòmhnaidh Abaid Chille Chuimein eadar 1970 agus 1976.