Tagraidhean gan sireadh airson Aiseag a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh luchd-cùmhnant prìobhaideach airson Aiseag a' Chorrain a ghabhail thairis.

Tha a' Chomhairle roimhe air a ràdh gur dòcha gum feum iad an t-seirbheis a thoirt gu ceann, ri linn a' chall a tha a' tighinn air, 's iad ag ràdh nach bu chòir dhaibh a bhith a' toirt taic-ionmhais don aiseag.

Tha an t-aiseag a' ruith eadar Loch Abar agus Àird Ghobhair.

Bheachdaich a' Chomhairle air trì roghainnean airson an aiseig o chionn còig bliadhna: faraidhean a chur an-àirde; an t-seirbheis a chur a-mach gu tairgse; no a cur fo smachd an Riaghaltais.

Chaidh faraidhean a chur an-àirde, ach 's iad a' Chomhairle fhathast a tha a' ruith na seirbheis, agus feum aca air dà shoitheach a chumail air a son.

Sheall rannsachaidhean ge-tà, gu bheil am modal seo ro chosgail, agus gur e soitheach roll-on, roll-off nas motha a b' fheàrr, le soitheach eile ga faighinn à àiteigin eile nuair a tha sin a dhìth ri linn obair-càraidh.

Tha a' Chomhairle a-niste ag ràdh gun cuir iad fios air companaidhean prìobhaideach air an ath-mhìos feuch a bheil ùidh aca ann a bhith a' ruith an aiseig.