CMAL airson cur às do chùmhnant MhicFhearghais sa Chèitean

Glen Sannox Image copyright Getty Images

Nochd e gu robh a' chompanaidh a tha a' faotainn bhàtaichean-aiseig do Chaledonian Mac a' Bhruthainn - CMAL - air roghnachadh sa Chèitean cur às don chùmhnant le garradh shoithichean MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh airson dà shoitheach ùr.

Tha litrichean is puist-dealain phrìobhaideach bhon Chèitean sa chaidh eadar CMAL is ministearan an riaghaltais ag innse gu robh a' chompanaidh air roghnachadh an cùmhnant le gàrradh MhicFhearghais airson aon de na soithichean ùra a thoirt gu ceann.

Thuirt CMAL ri ministear na h-eaconamaidh Pòl Wheelhouse gum bu chòir dha ullachadh airson an naidheachd fhoillseachadh anns an Òg-mhìos gun deach an cùmhnant airson an Glen Sannox a chur an dàrna taobh.

Bha dùil gum faigheadh iad £12millean air ais.

Mhol iad an uairsin gun deadh cur às don dàrna cùmhnant airson a' bhàta eile - ach cha do thachair sin.

Bha dragh air ministearan agus iad airson £45millean ann an iasadan a bha iad mar-tha a thoirt don ghàrradh, a dhìon.

Chaidh an gàrradh a chur ann an rianachd anns an Lùnastal agus tha e a-nise fo smachd an riaghaltais.

Thuirt tè-labhairt bho riaghaltas na h-Alba gu robh iad air na b' urrainn dhaibh a dhèanamh gus aonta fhaighinn eadar an dà thaobh.

Air dheireadh

Nochd e an t-seachdain sa chaidh nach biodh an Glen Sannox - airson slighe Arainn - deiseil gu deireadh na bliadhna 2021.

Cha bhi an dàrna soitheach- Hull 802 - airson slighe an Eilein Sgitheanaich, Uibhist agus na Hearadh - deiseil gu samhradh 2022.

Dh'innis Rùnaire an Ionmhais Derek MacAoidh gum biodh a' chosgais dheireannach faisg air £200m - tha sin còrr air dùblachadh bhon t-suim a bhathar a' sùileachadh sa chiad dol-a-mach.

Thèid na soitheachan a chur ann an seirbheis corr air 3 bliadhna air dheireadh.

Bòrd coimhearsnachd

Tha bòrd coimhearsnachd Chaledonian Mhic a' Bhruthainn - buidheann a tha a' riochdachadh luchd-siubhail anns na sgìrean sa bheil bàtaichean-aiseig na companaidh stèidhcihte - ag iarraidh gun tèid cabhag a chuir air cùisean.

Tha iad air an dòigh gu bheil gàrradh MhicFhearghais a-nise fo smachd an riaghaltais, ach thuirt iad gu bheil iad diombach mun dàil air an dà shoitheach ùr.

Tha am bòrd coimhearsnachd ag iarraidh gealltanais bhon riaghaltas gun cosg iad na bhios a dhìth anns an ùine a th' air thoiseach gus an tèid seirbheis cheart a chumail ri coimhearsnachdan nan eilean agus a' chost an iar.