Balach a bhàsaich an tubaist rathaid air ainmeachadh mar Gregor Mac an Tòisich

Gregor McIntosh

Chaidh balach a bhàsaich ann an tubaist rathaid air an A9 ainmeachadh mar Gregor Mac an Tòisich, aois 16, à Inbhir Nis.

Bha trì carbadan an-sàs san tubaist faisg air ceann rathaid B9161 gu Poll Lòchaidh mu 1855 Dihaoine.

Bha Gregor a' siubhal ann an aon de na carbadan - cha b' e a bha a' draibheadh.

Chaidh an dràbhear a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis airson leigheas.

Tha na poilis a tha a' rannsachadh na thachair a lorg fianaisean agus tha iad ag iarraidh air duine aig a bheil dealbhan dash-cam tighinn air adhart.

Thuirt an Sàirdseant Aonghas Moireach gu robhar a' smaoineachadh mu theaghlach is caraidean Gregor aig an àm dhuilich sa.

Thug e taing dhan phoball airson a chuideachaidh a thug iad dha na poilis chun an seo.