Fianais de dhealanach faisg air Tursachan Chalanais

Star Image copyright University of St Andrews

Chaidh fianais de dhealanach a lorg aig meadhan cearcall cloiche anns na h-Eileanan an Iar, a-rèir luchd-saidheans.

Dh' fhàg aona shràc mòr dealanaich neo grunn nas lugha anns an aona àite làrach magnaiteach ann an cumadh rionnaig.

Bha luchd-saidheans bho Oilthigh Chill Rìmhinn a' rannsachadh na làraich aig Site XI no Àirigh na Beinne Bige - seann chearcall cloiche anns nach eil a-nise ach aon chlach a' seasamh.

Tha seo aig làrach ainmeil Tursachan Chalanais.

Thuirt na h-eòlaichean gu faodadh fianais de dhealanach mar seo ceangal a shealltainn eadar seann chearcaill chloiche agus nàdar.

Thuirt an luchd-saidheans gun do bhuail an dealanach uaireigin mus deach an làrach a chuairteachadh le mòine aig Site XI 3000 bliadhna air ais.

Tha seo air fhoillseachadh ann an rannsachadh ùr air loidhne.

Thuirt an Dr Richard Bates bho Oilthigh Chill Rìmhinn gu robh an leithid de dh' fhianais gu math neo-àbhaisteach san RA agus nach eilear a' creidsinn gur e turchartas a bh' ann a bhith aig làrach a' chearcaill cloiche.

'S e an Calanais Virtual Reconstruction Project a fhuair an fhianais. Tha Oilthigh Chill Rìmhinn, Urras nan Tursachan agus Oilthigh Bhradford an-sàs anns an obair le maoineachadh bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha iad cuideachd air modal 3D a chruthachadh de aon de na cearcaill "caillte" eile san sgìre - Na Dromannan.

An-diugh, tha na clachan nan laighe neo chaidh an còmhdach le mòine.