Dh'ainmich poilis fear a bhàsaich an tubaist-rathaid an Leòdhas

Oifigear poilis
Image caption Bha an rathad anns an Rubha dùinte airson grunn uairean de thìde fhad 's a bha na poilis a' sgrùdadh na làraich.

Dh'ainmich na poilis an duine a bhàsaich ann an Leòdhas an dèidh do chàr bualadh ann.

B'esan Coinneach Aonghas MacSuain, 85 à Aiginis anns an Rubha.

Chaochail e an dèidh do chàr Volkswagen Polo gorm bualadh ann.

Thachair an tubaist beagan ro 5:30f. Diluain faisg air Aignis san Rubha.

Tha na poilis ag iarraidh gun tig daoine air adhart ma chunnaic iad na thachair neo ma tha dealbhan dash-cam aca.

Thèid aithris a chur gu Neach-casaid a'Chrùin.