Càr is cù duine a tha dhìth às a' Mhanachainn air an lorg

James Paton Image copyright Poilis Alba

Tha an iomairt a' leantainn airson lorg fhaighinn air fear a chaidh air chall faisg air a' Mhanachainn oidhche Luain.

Chaidh James Paton, 72, fhaicinn mu dheireadh faisg air a dhachaigh ann an Cill Taraghlain faisg air a' Mhanachainn mu 1330.

Chaidh an càr aige, Dacia Duster gorm a lorg aig 1630 mu 3 mìle air falbh à Cill Taraghlain.

Bha an cù aig Mgr Paton anns a'chàr ach cha robh sgeul air fhèin.

Bha heileacoptair a' siubhal na sgìre timcheall air Cill Taraghlain tron oidhche.

Thuirt na poilis gu robh iad iomagaineach mu Mhgr Paton.

Tha e 5tr 5ò a dh'àirde le feusag is falt liath le speuclairean. Cha dùil gu robh lèine bhocsach dhearg is dubh uime agus mar as trice bidh jeans ghorm uime no briogais dhubh.