Poileasman air a bhàthadh air làithean-saora san Eilean Sgitheanach

PC Image copyright Cavendish Press

Dhearbh Cùirt a' Choronair ann an Rochdale gun deach poileasman a bhàthadh ann an cuairt-shruth aig Glumagan nan Sìthichean san Eilean Sgitheanach.

Bha Shazad Saddique, 38, à Manchester ann am buidheann de 30 a bh' air saor-làithean anns an Iuchair am bliadhna.

Bha an Con. Saddique a' brosnachadh dhaoine òga san sgìre anns an robh e ag obair gu bhith cur seachad ùine air a' bhlàr a-muigh.

Chuir e air dòigh an turas dhan Eilean Sgitheanach le buidheann agus bha a bhràthair am measg na bh' air a' chuairt.

Chaidh innse sa chùirt gu robh e air a bhith a' snàmh aig Glumagan nan Sìthichean airson uair a thìde nuair a thug daoine fainear gun robh e gun mhothachadh.

Chaidh aig luchd-turais air a shlaodadh às an uisge, ach cha b' urrainnear a bheatha a shàbhaladh.

Tha h-uile coltas gur e cuairt-shruth a dhragh sìos e.

Thuirt an coronair Joanne Kearsley gur e cùis uabhasach duilich a bha seo.

Thuirt i gu robh e follaiseach gur e duine a thug buaidh air mòran eile a bh' ann am Mgr Saddique agus gu robh e coibhneil is còir.