Ionad sgìthidh Ghleann Comhann dùinte às dèidh teine

Glencoe Mountain Resort Image copyright Glencoe Mountain Resort
Image caption Chaidh an t-ionad-bìdh aig bonn na beinne a mhilleadh gu dona anns an teine.

Tha ionad sgìthidh Ghleann Comhann dùinte as dèidh mar a rinn teine sgrios air an stèisean as ìsle.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad an dòchas gun tèid aca air fosgladh Dihaoine 'son spòrs sneachda.

Dh' fheuch grunn sgiobaidhean-smàlaidh ri smachd fhaighinn air an teine a thòisich mu 02:00 Là na Nollaige ach chaidh an togalach fiodha san robh an t-àite-bìdh a mhilleadh.

Image copyright Glencoe Mountain Resort
Image caption Chleachd luchd-smàlaidh uisge bho allt a bha faisg air làimh.

Thuirt a' chompanaidh a tha ga ruith gun robh an t-àite na smàl airson grunn uairean de thìde mus deach èginn a ghairm air sgàth 's gur e sin an aon là dhen bhliadhna a tha an t-ionad dùinte.

Ach tha e air cuid de luchd-turais fhàgail as aonais àite-cadail oidhche Ardaoin agus mì-chinnteach mun ùine air thoiseach.

Tha a' chompanaidh an dùil fosgladh airson sgìtheadh agus bòrdadh-sneachda Dihaoine leis nach tug e buaidh air na h-innealan 'son daoine a ghiùlan suas na beinne.