Plana Nàiseanta nan Eilean ga chur air bhonn

Tràigh Ear, Uibhist a Tuath
Image caption Tràigh Ear, Uibhist a Tuath

Chaidh ro-innleachd a tha ag amas air piseach a thoirt air beatha eileanach fhoillseachadh.

Tha 13 amasan ann am Plana Nàiseanta nan Eilean agus còrr air 100 moladh airson an toirt gu buil.

Am measg nam prìomhachasan tha oidhirpean airson stad a chur air crìonadh sluaigh, dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus leasachadh a thoirt air còmhdhail, taigheadas, seirbheisean bann-leathainn agus mar a tha seirbheisean poblach gan lìbhreaghadh.

Tha am plana stèidhichte air molaidhean a thàinig à 61 tachartasan agus coinneamhan poblach air 40 eilean air feadh Alba sa robh faisg air 1,000 duine an sàs

Fhuair an conaltradh poblach air-loidhne 400 freagairtean.

Image caption Stromness ann an Arcaibh

Thuirt Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, gur e adhbhar moit a bh'ann dha a bhith a' foillseachadh a' chiad Phlana Nàiseanta airson Eileanan na h-Alba.

"'S e clach-mhìle eachdraidheil a tha seo a thòisich le Achd nan Eilean (Albannach) an-uiridh.

"Chaidh am plana a dhèanamh an dèidh bruidhinn ri tòrr de mhuinntir nan eilean agus tha mi air leth taingeil airson nam beachdan is nam molaidhean a thug iad seachad.

"'S e ceum cudromach a th'anns a' phlana, ach chan urrainn dhuinn dìreach fhàgail air sgeilp - tha mi a-nis a' coimhead air adhart ri bhith ag obair le buidhnean eile airson am plana a chur an gnìomh.

"Leis a' phlana, tha sinn a' sealltainn do choimhearsnachdan eileanach gu bheil iad cudromach don dùthaich, gu bheil sinn airson agus gun soirbhich leotha agus gu bheil sin ag èisteachd ri na th' aca ri ràdh," thuirt Mgr Wheelhouse.