Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Dùbhlachd 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Kazakhstan

Tha oifigich ann an Kazakhstan a-nis ag ràdh gun robh sianar chloinne am measg da dhuine deug a bhàsaich ann an tubaist phlèana aig port-adhair Almaty. Tha feadhainn a fhuair às le'm beatha air a bhith ag innse mu mar a thòisich an t-itealan Bek Air a' crith goirid às dèidh dha èirigh far an raoin-laighe agus mus do thuit e às an adhar agus e a' bualadh ann an togalach falamh. Tha cobhair ga dhèanamh air mu thrì fichead luchd-siubhail agus criutha san ospadal.

Plana nan Eilean

Chaidh Plana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba. Tha trì amasan deug sa phlana, a bhios a' feuchainn - am measg eile - ri stad a chur air crìonadh sluaigh, agus piseach a thoirt air teicneòlas, còmhdhail, taigheadas agus seirbheisean poblach ann an eileanan na dùthcha. Thuirt Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, gun robh e moiteil a bhith a' foillseachadh a' phlana - a chaidh a dhealbhachadh às dèidh co-chomhairleachadh farsaing le eileanaich bho gach ceàrnaidh.

Tubaist

Chaidh seachdnar luchd-coiseachd a thoirt dhan ospadal às dèidh mar a chaidh an leagail le càr ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn a-raoir. Tha na poilis a' rannsachadh dè thachair às dèidh do landrover a dhol a steach gu carbad eile air Rathad a' Mhansa ann am Bearsden goirid ro chòig uairean. Chaidh triùir a dhroch ghoirteachadh san tubaist agus tha neach eile ann an staid èiginneach.

Teine

Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal às dèidh teine ann am togalach flataichean ann an Glaschu. Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun an togalaich ann an sgìre Knightswood goirid ro chòig uairean sa mhadainn. Chaidh aca air an teine a mhùthchadh, ged a bha e a' losgadh air an dàrna lobhta fichead dhen togalach air Kirkton Avenue.

Eileanan Chagos

Tha riaghaltas Mhauritius a' bagairt an Rìoghachd Aonaichte a thoirt gu lagh airson a bhith a' diùltadh leigeil le daoine tilleadh gu Eileanan Chagos ann an Cuan nan Innseachan. Tha Mauritius - a tha ag ràdh gur ann leatha a tha na h-eileanan - a' beachdachadh a dhol gu Cùirt Eadar-Nàiseanta na h-Eucoir agus Breatann a' diùltadh gèilleadh ri rìaghladh bho na Dùthchannan Aonaichte gu feum i an innis-mhuir a thoirt seachad sa bhad. Tha na ceudan Chagosaich air a bhith ag iomairt airson cothrom tilleadh dhachaigh, leth cheud bliadhna bhon a chaidh am fuadach bho na h-eileanan ach an gabhadh an cleachdadh le feachdan armaichte nan Stàitean Aonaichte.

Sionnach

Tha an RSPCA a' rannsachadh aithrisean gun do mharbh àrd fhear-lagh sionnach le a bhith a' stialladh air le bata. Chuir Jolyon Maugham a-mach tweet tràth madainn an-dè ag innse gun deach am madadh-ruadh an sàs ann an lìon 's e a' feuchainn ri faighinn a-steach gu taigh nan cearc aig dachaigh an fhir-lagh ann am meadhan Lunnainn. Thuirt Mgr Maugham nach robh e cinnteach dè a dhèanadh e leis an t-sionnach, agus gun d'fhuair e fuasgladh air a' cheist sin le bhith ga phronnadh gu bàs le bata-baseball.