Croitearan "neo-dhòchasach" mu Bhrexit

Baile Croitearachd

Chan eil cus dòchais aig Caidreachas na Croitearachd gun gabh aonta malairt a bhios math dhaibhsan dèanamh leis an Aonadh Eòrpach ro dheireadh na bliadhna seo mar a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil.

Bha Àrd-Oifigear a' Chaidreachais, Patrick Krause, a' bruidhinn aig coinneimh mu chroitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba oidhche Mhàirt.

Tha nas lugha na mìos air fhàgail mus bi Breatainn air an EU fhàgail.

Tha nas lugha na bliadhna an uairsin aig Riaghaltas Bhreatainn airson aonta malairt agus eile a ruighinn leis a' Bhruiseil mus crìochnaich an ùine eadar-amail far a bheil Breatainn fhathast a' faighinn nam buannachdan a tha an cois ballrachd.

Malairt

Do chuid anns an rìoghachd, leithid chroitearan, a tha a' dèanamh stuth airson a reic ris an Roinn Eòrpa, tha aonta malairt air leth cudromach.

Chan eil croitearan dòchasach ge-tà, gun tèid aonta malairt a bhios gu am buannachd a ruighinn.

"Eadar aon agus còig, chanainnsa gu bheil croitearan timcheall air aon," thuirt Patrick Krause.

"Chan eil iad misneachail gu bheil coltas math air cùisean dhuinn airson an dusan mìos a tha romhainn.

"'S e na tha sinn a' cluinntinn - agus na chuala sinn a-nochd aig a' bhuidhinn thar-phàrtaidh - gu bheil dusan mìos gu math cuingealaichte mar ùine airson aonta sam bith as t-fhiach a chruthachadh a chumas margaidhean fosgailte agus crìochan cusbainn ag obrachadh," thuirt e.

Tha freagairt ge-tà, aig Riaghaltas na h-Alba, tha iad ag ràdh - Alba a bhith neo-eisimeileach, an taobh a-staigh an EU.

Image caption Tha tòrr a' crochadh air cothroman stuth a chur chun na Roinn Eòrpa do chroitearan

Dè ma thachras sin ge-tà, agus aig Alba an uairsin ri stuth a ghluasad a-mach às an EU a Shasainn, agus air ais a-steach ann a-rithist airson mar eisimpleir, rud fhaighinn dhan Fhraing?

"Bidh duilgheadas ann co-dhiù an-dràsta, ma tha an Rìoghachd Aonaichte air fad taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich, bidh an duilgheadas sin ann airson feòil agus airson tòrr ghnìomhachasan eile," thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

"Tha cothrom ann san àm ri teachd, agus tha leum no dhà romhainn mus tig sinn dhan phuing seo, ach tha cothrom ann airson Alba ma tha sinn taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich sna bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt e.

Neo-eisimeileachd

Dè an rathad anns a bheil beachdan chroitearan a' gluasad a thaobh bhòt eile air neo-eisimeileachd?

"Tha sin doirbh a thomhas bho shealladh phoileataigeach dheth," thuirt Mgr Krause.

"Bho shealladh phractaigeach dheth, gun teagamh, bhiodh e na b' fheàrr nam fuiricheamaid anns an EU.

"Tha an suidheachadh poileataigeach a th' ann ann-dràsta a' ciallachadh gu bheileas gar toirt a-mach às an EU.

"Cò aige a tha brath càite an tèid cùisean?

"'S e adhbhar dragh mòr a th' ann, agus saoilidh mi gu bheil e caran soilleir gum biomaid na b' fheàrr nam fuiricheamaid san EU," thuirt e.

Chan e Brexit an aon rud a tha a' bualadh air croitearan, no faisg air.

Chaidh bile ùr croitearachd a chur air an t-sìtig an-uiridh.

"Tha iarrtas ann airson Bile na Croitearachd, agus tha e gu math mì-fhortannach gur e aon de na h-adhbharan nach eil bile ann, gum bi a' Phàrlamaid seo ag obair 's a' dèiligeadh ri tòrr bhilean mu dheidhinn Bhrexit fhèin," thuirt Alasdair Allan.

"Chan eil a' Phàrlamaid seo ag iarraidh Bhrexit, ach bidh sinn a' bruidhinn mu dheidhinn agus ag obair air laghan ùra a tha a' dèiligeadh ri Brexit.

"Tha sinn a' dèiligeadh ri aon bhile a tha a' bruidhinn mu dheidhinn neo-eisimeileachd, no mu dheidhinn referenduman an-dràsta - ach tòrr nas motha tìde a bhios a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh a th' ann le Brexit," thuirt e.

Beagan is cola-deug a-staigh air a' Bhliadhna Ùir ma-tha, agus thathas a' cluinntinn an rud a chualas a h-uile bliadhna airson ùineachan a-niste - gur e bliadhna chaochlaideach, chonnspaideach, riaslach a th' air thoiseach do chroitearan.