County air an sguad a neartachadh

Jordan Tillson Image copyright Trevor Martin Photography

Tha Ross County air an sguad aca a neartachadh le Jordan Tillson a thoirt a-steach bho Exeter City.

Bha Tillson, 26, air còrr is 100 geama a chluich do dh'Exeter.

Bidh e a' cluich ann am meadhan na pàirce.

"Tha eòlas farsaing aig Jordan ann am ball-coise Shasainn," thuirt co-mhanaidsearan Chounty, Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell.

Còmhraidhean

"Tha daoine air a mholadh dhuinn is tha sinn air bhioran obrachadh còmhla ris," thuirt iad.

Tha County cuideachd air a bhith a' còmhradh ri Coll Donaldson aig Caley Thistle, is cùmhnant Donaldson ann an Inbhir Nis a' tighinn gu ceann aig deireadh an t-seusain.

Tha ICT cuideachd ann an cunnart Shaun Rooney a chall is St Johnstone air innse gu bheil iad a' bruidhinn ris, is fathannan ann nach iad a-mhàin a tha ga iarraidh.

Neartaich Inbhir Nis an sguad aca cuideachd ge-tà, is Lewis Toshney mar-thà air ainm a chur ri cùmhnant leotha.