Crofting
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Croitearan "neo-dhòchasach" mu Bhrexit

15 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil cus dòchais aig Caidreachas na Croitearachd gun gabh aonta malairt a dhèanamh leis an Aonadh Eòrpach ro dheireadh na bliadhna a bhios na bhuannachd dhaibhsan.

A dh'aindeoin gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil gun tachair a leithid.

Bha Àrd Oifigear a' Chaidreachais, Pàdraig Krause, a' bruidhinn aig coinneimh mu chroitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Coinneamh far an robh am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc cuideachd.