Casg air cloinn bualadh ball len ceann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mhìnich Ùisdean MacIllInneinn an casg air Aithris na Maidne

16 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dùil an ceann beagan sheachdainnean ri casg air òigridh ann an Alba bho bhith a' bualadh a' bhuill len ceann agus dragh ann gu bheil ceangal eadar sin agus seargadh eanchainne.

Tha an SFA os cionn na h-iomairt às dèidh rannsachaidh a sheall gu bheil seann chluicheadairean ball-coise nas bualtaiche fulaing.

Bidh casg ann sa chiad dol a-mach air cloinn nas òige na dusan bliadhna de dh'aois.

Tha Ùisdean MacIllInneinn a' mìneachadh na cùise.