Achd an Fhoghlaim ga chur an sàs ann an Cill D'Fhinnein

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Achd Foghlaim ga chur an sàs 'son foghlam Gàidhlig

Tha pàrantan ann an Siorrachd Àir a Tuath air feum a chur air riaghailtean ùra Achd an Fhoghlaim airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn anns an sgìre aca.

Tha dùil gur e seo a' chiad uair riamh a chaidh cumhachdan na h-achd ùire a chleachdadh airson aonad ùr Gàidhlig fhaighinn.

Fosglaidh sin aig Bun-Sgoil Pàirce Whitehirst ann an Cill D'Fhinnein, (Kilwinning) san Lùnastal.

Tòisichidh co-dhiù còignear chloinne san aonad.

"Air ar dòigh ghlan"

Chaidh buidheann pàrant is pàiste a stèidheachadh ann an Cill D'Fhinnein o chionn trì bliadhna le pàrantan a bha ag amas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

'S iad a' chiad bhuidheann a chleachd achd ùr an fhoghlaim gu soirbheachail gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig iarraidh anns an sgìre acasan.

Bha Catrìona Kerr an sàs anns a' bhuidhinn.

"Bha sinn ag obair airson trì bliadhna agus tha sinn cho toilichte gu bheil GME a' tighinn an seo."

'S i Pamela Jardine a stèidhich a' bhuidheann.

"Tha sinn air ar dòigh ghlan," thuirt i.

"'S e pròiseas gu math sìmplidh a th' air a bhith ann. Tha Bòrd na Gàidhlig agus ar Comhairle air taic mhòr a thoirt dhuinn."

"Mholainn-sa gu mòr e do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn anns an sgìre acasan.

"Bu chòir dhaibh feuchainn, gun teagamh sam bith."

Brosnachail

Bha Bòrd na Gàidhlig gu mòr an sàs anns an leasachadh.

"Tha e gu math brosnachail a bhith a' tòiseachadh 2020 le deagh naidheachd," thuirt Jim Whannel, Stiùiriche an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig.

"Tha sinn a' faicinn ùghdarras ùr a' libhrigeadh seirbheisean ùra airson coimhearsnachd a tha ag iarraidh sin."

Cha robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn ann an Siorrachd Àir a Tuath riamh roimhe.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad air a bhith gu math taiceil.

"Chuir sinn fàilte air iarrtas nam pàrantan," thuirt Angela Cassells, bho Roinn an Fhoghlaim, Comhairle Siorrachd Àir a Tuath.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha anns an àm ri teachd agus leasachadh a bharrachd a dhèanamh air feadh na sgìre."

Tha dùil gun tèid an obair a shanasachd an ath-seachdain.

"'S e Prìomh Thidsear a bhios sinn a' sìreadh.

'"S e obair tharraingeach agus dreuchd cheannardais ann am foghlam Gàidhlig a th' ann."

Tha dòchas ann gur e toiseach-tòiseachaidh a bhios an seo airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Àir a Tuath.