Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Faoilleach 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aontaidhean Baile

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a' gabhail cheumannan airson dèiligeadh ri dragh gu bheil e doirbh tomhas ceart a dhèanamh air dè cho soirbheachail 's a tha na h-aontaidhean baile is sgìreil. Tha Riaghaltas na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte a' cur còrr is £5bn ri leasachadh eaconomaich le bhith a' roinn airgid air ùghdarrasan ionadail. Ach tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh a-niste nach eil plana ceart ann a sheallas a bheil luach an airgid anns na sgeamaichean sin.

Ioran

Thèid tuilleadh cuideim air Ioran an-diugh mu bhàs 177 duine sa phlèana Ugràinianach air an deach losgadh 's a thuit gu làr le urchair Ioràinianach faisg air Tehran an t-seachdain seo chaidh. Tha ministearan às na còig dùthchannan a chaill an cuideachd a' coinneachadh ann an Lunnainn a dh'iarraidh soilleireachd bho Ioran, làn-chead do luchd-rannsachaidh an obair a dhèanamh, agus airgead-dìolaidh dha na teaghlaichean a dh'fhulaing.

Bualadh leis a' Cheann

Tha dùil an ceann beagan sheachdainnean ri casg air òigridh a tha ri ball-coise an Alba bho a bhith a' bualadh a' bhuill le an claigeann agus dragh ann gu bheil ceangal eadar sin agus seargadh-eanchainne. Chuir cluicheadairean agus coidsichean ball-coise taic ri sin ann am prionnsabal. Tha an SFA os cionn na h-iomairte an dèidh rannsachaidh a sheall gu bheil feadhainn a tha a' cluich gu proifeasanta còrr is a thrì uimhir nas buailtiche bàsachadh le tinneas co-cheangailte ri seargadh-eanchainne. Bidh casg ann anns a' chiad dol a-mach tha e coltach air cloinn nas òige na 12 bliadhna de dh'aois.

Atharrachadh na Gnàth-Shìde

Tha Sir Dàibhidh Attenborough a' fàgail air ceannardan an t-Saoghail gu bheil iad a' dàileistein air Atharrachadh na Gnàth-Shìde. Thuirt e gu bheil riaghaltasan a' seachnadh na triobaid fad bhliadhnaichean ged a tha làn-fhios aca dè bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Extinction Rebellion

Tha luchd-iomairt Extinction Rebellion a' togail fianais aig àrd-oifis na companaidh ola Shell ann an Obair Dheathain 's iad air an t-slighe dhan togalach a dhùnadh. Chuir iad bàta san rathad, agus tha brataichean aca ag iarraidh an fhìrinn innse mu chonnadh fosail. Tha Shell ag ràdh gu bheil iad ag obair gu ruige truailleadh chàrboin a ghearradh.

Harry is Meghan

Tha dùil gun nochd am Prionnsa Harry gu poblach airson a' chiad uair an-diugh bho dh'innis e gu bheil e fhèin 's a bhean Meghan a' cur cùl ri àite san Teaghlach Rìoghail. Bidh am Prionnsa os cionn an taghaidh airson Cupa Rugbaidh-Lìge na Cruinne 2021 a tha a' dol air adhart aig Lùchairt Bhuckingham.

Celtic Connections

Tha fèis chiùil Celtic Connections a' tòiseachadh ann an Glaschu an-diugh. Bidh còrr is 300 cuirm agus tachartas anns an fhèis eadar seo agus an 2na là den Ghearran.