Moladh air dachaigh-cùraim an Uibhist

Cùram

Fhuair rannsachadh luchd-sgrùdaidh gu bheil cùram aig deagh ìre ann an Dachaigh-Cùraim na Trianaid ann an Uibhist a Tuath.

Thadhail luchd-sgrùdaidh gun fhios ro làimh air an dachaigh, a tha ga ruith le Comhairle nan Eilean Siar.

Thuirt an aithisg gu bheil an 12 duine a th' anns an dachaigh a' faighinn deagh shealltainn riutha.

Chaidh aon phuing a thogail mun dòigh sa bheil rìan ga chumail air siostam nan cungaidhean lèigheis san dachaigh.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e rud a tha sin, a tha iad a' cur ceart.