Clèibh gun ròpannan gam feuchainn an Alba

Clèibh Image copyright Getty Images
Image caption Thathas airson lùghdachadh a thoirt air na tha de bheathaichean mara gan glacadh ann an uidheamachd iasgaich

Thòisich deuchainnean air uidheamachd iasgaich ùir air costaichean na h-Alba, feuch an gabh lùghdachadh toirt air na tha de mhamalan leithid mhucan-mara air an glacadh an lùib ròpannan is eile.

Chan eil cho fada bho chaidh muc-mhara air tìr sna Hearradh, 's bha a mionnach làn stuth-iasgaich.

Leis an teicneòlas ùr, a thathas a' feuchainn le iasgairean-clèibh, cha bhi feum air ròpannan a bhith ceangailte ri buta air an uachdar.

Leis an teicneòlas ùr bhiodh na ròpannan air an stòradh air grunnd na mara, còmhla ris na clèibh.

Bruthadh Putain

"'S e na thacharas, gum bi an ròp na shuidhe ann am baga air grunnd na mara ri taobh na clèibhe mu dheireadh san t-sreath," thuirt an t-iasgair Ballet Phillip a tha an sàs anns an deuchainn.

"'S an uairsin nuair a bhruthas tu air putan, thig na butannan chun an uachdair.

"'S e an diofar dha-rìribh nach eil an ròpa sìnte eadar an grunnd agus an t-uachdar fad na h-ùine, 's tha sin a' ciallachadh do bheathaichean leithid chearban no mhucan-mara 's an leithid, chan eil ach glè bheag de chunnart ann gun tèid iad an sàs anns na ròpannan - bhon chan eil ròpa san rathad orra," thuirt e.

Tha grunn uisgeachan anns na Stàitean Aonachite dùinte do dh'iasgairean leis a' mhilleadh a thathas a' dèanamh air beathaichean.

Tha an tè-rannsachaidh soidheans, Kim Sawicki toilichte le mar a tha iasgairean na h-Alba a' gabhail ris na deuchainnean.

"Roghnaich mi an t-iasgach seo airson na deuchainn, gu h-àraid iasgairean-clèibh Albannach, ri linn mar a tha iad a' coimhead ris a' choimhearsnachd aca," thuirt i.

"Tha iad deònach rudan ùra fheuchainn, agus mar sin dheth, chan eil e na iongnadh dhomh gu bheil iad a' gabhail ris cho luath.

"Chì iad a' bhuannachd a tha na chois, agus chan eil na tha sin de chuideam orra a thaobh poileataigs no ionmhais an-dràsta atharrachadh a dhèanamh - agus 's e sin as coireach gun saoil mi gu bheil e mìorbhaileach gu bheil iad a' smaointinn mu dhèidhinn rudeigin ùr fheuchainn," thuirt i.