Nighean fear a bhàsaich air Beinn Hòb gus a shlighe a choiseachd
- Air fhoillseachadh

Sreapaidh Adele Perry a' bheinn far do bhàsaich a h-athair Steve Perry agus a charaid, Andy Nisbet, bliadhna as deidh na tubaiste.
Tha i a' togail airgid airson Sgiobaidhean Teasairginn Bheanntan Dhùn-Dòmhnaill agus Asainte, a chuidich aig an àm a' siubhal airson a h-athair agus Mgr Nisbet.
Thuit an dithis gu bàs far Beinn Hòb an ceann a tuath na Gàidhealtachd sa Ghearran 2019.
Thuirt Ms Perry gur e seo a bhliadhna bu duiliche a bh'aice riamh na beatha.
Bha Mgr Perry eòlach air a bhith a' sreap agus a' coiseachd nam beann.
À Lancaster bho thùs, dh'fhàs e suas ann an Todmorden ann an Siorrachd York ach bha e a' fuireach ann an Inbhir Nis.
Dòchas
Aig àm na tubaiste an uiridh, bha e a' sreap còmhla ri Andy Nisbet bho Obar Dheathain, e fhèin glè eòlach na shreapadair agus a bha aig uair na cheann-suidhe air Cluba Sreapadaireachd na h-Alba.
Tha Ms Perry, 24 a tha a' fuireach ann an Siorrachd Mhanchester, an-dòchas co dhiù £1,000 a thogail airson na sgiobhaidean teasairginn.
Thuirt i mu h-athair: "Bha e dìreach airson faighinn a-mach, airson ar toirt a-mach agus gnothaichean fhaicinn, gnothaichean mu eachdraidh, mu bheanntan agus Alba".
"Tha e neònach a bhith a' tighinn a dh'Alba agus nach eil e ann", thuirt i.
Pearsanta
Thuirt an tè a tha os cionn Sgioba Teasairginn Bheanntan Asainte, Sue Agnew, gur e buille ris nach robh dùil a bh'ann do choimhearsnachd nan sreapadairean nuair a bhàsaich an dithis.
"Se oidhirp sàbhalaidh gu math pearsanta a bh'ann dhan sgioba. Bha cuid aca eòlach air Steve Perry agus gu leòr eile dhiubh eòlach air Andy Nisbet", thuirt i.
Bha Adele Perry gus planaichean a chuir air dòigh airson tighinn a choimhead air a h-athair nuair a chuala i gun do bhàsaich e.
"Bha mi dìreach air cead draibhidh fhaighinn agus bha mi a' dol a thighinn ga choimhead sa Mhàirt", thuirt i.
"Tha e doirbh a bhith tighinn suas an seo oir 's e seo a b'fhearr leis, seo an t-àite a b'fhearr leasan. Bha e cho toilichte sna beanntan", thuirt Ms Perry.