Saorsa gluasaid "air leth cudromach" airson nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Iasgair far chosta na h-AlbaTùs an deilbh, Getty Images

Bu chòir poileasaidh in-imreachas ùr anns an Rìoghachd Aonaichte aithne a thoirt dhan eadar-dhealachadh mòr a tha eadar bailtean mòra agus sgìrean dùthchail, a-rèir Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

Bha Mgr MacAonghais ag ràdh air Aithris na Maidne gu bheil luchd-obrach à dùthchannan cèin fìor chudromach do gnìomhachas an iasgaich anns na h-Eileanan.

Thuirt e gu bheil e air leth cudromach gum bi saorsa aig daoine faighinn a-mach agus a-steach à àiteachan, gu h-àraid àiteachan mar na h-Eileanan an Iar, far a bheil an àireamh sluaigh a' crìonadh.

Bha e ag ràdh: "Airson an eaconomaidh a leasachadh, feumaidh cothrom a bhith againn daoine a thoirt a-steach agus feumaidh am poileasaidh a th' ann air in-imreachas an-dràsta atharrachadh.

"Chan eil am poileasaidh a th' ann airson bailtean mòra cothromach airson sgìrean iomallach.

"Saoilidh mi gu bheil còir aig rudeigin atharrachadh leis a' phoileasaidh sin anns na bliadhnaichean a tha romhainn."

Ged a tha gu leòr iasgairean ann à dùthchannan cèin, tha factaraidhean giollachd cuideach gu mòr an eisimeil luchd-obrach à thall-thairis.

Bha Mgr MacAonghais ag ràdh gur ann à dùthchanan cèin a tha timcheall air 70% de luchd-obrach factaraidhean giollachd èisg na h-Alba.