Cosgaibh £5 an Steòrnabhagh

Bileag Còig Not Image copyright Getty Images

Tòisichidh iomairt Disathairne a bhrosnaicheas daoine barrachd airgid a chosg air an àrd-shràid.

Bidh Fiver Fest, mar a th' aca air, a' dol air feadh na dùthcha.

Ann an Steòrnabhagh, 's e a' bhuidheann BID a bhios ga ruith - sin a' bhuidheann a tha a' feuchainn ri meadhan a' bhaile ath-bheothachadh.

Tha a' bhuidheann a' sùileachadh gum bi luchd-bùtha a' sanasachd thabhartasan air a' phrìs sin airson daoine a thàladh.

£1.6m

Tha Fiona Rennie na ball de bhuidhinn-taice do dhaoine a tha ag obair air an ceann fhèin.

"'S e dìreach rudeigin tarraingeach a th' ann," thuirt i.

"'S e àireamh chruinn a th' ann, 's e àireamh bheag a th' ann a bhios aig duine sam bith nam pòcaid.

"Tha e dìreach a' toirt adhbhair dhaibh a thighinn a-steach dha na bùithdean 's dòcha nan smaoinicheadh iad, air an stairsnich aca fhèin.

"Tha iad air coimhead ris na h-àireamhan, agus 's e £1.6m a bhiodh a' tighinn a-steach a Steòrnabhagh nan cosgadh a h-uile inbheach £5 thairis air a' bhliadhna.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' sealltainn an diofair mhòir a dhèanadh e, dìreach daoine a' smaoineachadh a thighinn a-steach gu bùithdean Steòrnabhaigh an àite ceannach air-loidhne," thuirt i.

Bidh Fiver Fest a' dol eadar an 15mh là den Ghearran agus an 29mh là den Ghearran.