Rabhadh Buidhe is Stoirm Dennis air fàire

Rabhadh gaoithe

Tha Oifis na Sìde air rabhadh a thoirt do dhaoine a bhith mothachail ron droch shìde ris a bheil dùil, le rabhadh buidhe an sàs ann an sgìrean de dh'Alba.

Tha Rathad a' Bhràighe ann an Leòdhas dùinte an-dràsta ri linn na droch shìde.

Tha stoirm ainmichte eile air fàire, agus deireadh-seachdain de dh'aimsir gu math caochlaideach.

Dh'fhaodadh uisge agus aiteamh trioblaidhean adhbhrachadh ann an sgìrean a th'air gu leòr droch shìde fhaicinn mar-thà an t-seachdain seo.

Image copyright Gerald Mac a' Phearsain
Image caption Seo na stuadhan mòra a chaidh fhaicinn bho bhàta-aiseig A Hebrides Dihaoine.

Tha grunn rabhaidhean mu thuiltean an sàs cuideachd.

Tha dùil ri barrachd rabhaidhean buidhe air an deireadh-sheachdain.

Disathairne tha rabhaidhean ann airson gaoithe agus uisge.

Agus Là na Sàbaid a' dol a-steach gu Diluain, tha rabhadh buidhe eile a' tighinn an lùib Stoirm Dennis, 's dùil ri gaoth fìor làidir.