Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceannard nan Tòraidhean

'S e Jackson Carlaw ceannard ùr nan Tòraidhean ann an Alba. Rinn Mgr Carlaw, an ceannard eadar-amail an dèidh do Ruth Davidson falbh, a' chùis air an aon tagraiche eile a sheas, Michelle Ballantyne. Tha Mgr Carlaw a' cur roimhe mar phrìomh pholasaidhean tuilleadh thidsearan fhasdadh agus cìs cosnaidh ann an Alba a thilleadh dhan aon ìre ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Fhuair Mgr Carlaw faisg air còig mìle bhòt, cha mhòr trì mìle gu leth a bharrrachd air na fhuair Michelle Ballantyne.

Caibineat ùr

Tha caibineat ùr Bhoris Johnson a' coinneachadh 'son a' chiad uair an dèidh atharrachaidhean an là an-dè anns an do dh'fhàg Sajid Javid obair an t-Seansalair. Dhiùlt Mgr Javid an sgioba de luchd-comhairlichidh a chur bhuaithe mar a dh'iarr am Prìomhaire air. Ghabh Rishi Sunak, a bha na Rùnaire air Roinn an Ionmhais, àite Mhgr Javid.

Buaidh Bhrexit

Thuirt Àrd-Eaconomaiche Riaghaltas na h-Alba gum bi ùine ann fhathast mas bi làn buaidh Bhrexit follaiseach. Tha Gary Gillespie den bheachd gum fàgadh an seòrsa aonta malairt shaor a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh gach duine mìle agus sia ceud not nas miosa dheth na bhiodh iad anns an Aonadh Eòrpach.

Banca Rìoghail na h-Alba

Tha Banca Rìoghail na h-Alba ag atharrachadh ainm na buidhne dham buin am banca bho RBS gu NatWest Group. Dh'fhoillsich am banca prothaid de 3.1 billean not 'son 2019, cha mhòr a dha uimhir ris an 1.6 billean not a bh' ann ann an 2018.

Bàs tè à Breatainn ann an NZ

Tha polais ann an New Zealand a' rannsachadh bàs boireannaich à Breatainn. Chaidh corp Stephanie Simpson a bha 32 agus a bhuineadh do dh'Essex fhaighinn ann an sgìre Pyke Creek san Eilean mu Dheas an-dè, cha mhòr seachdainn an dèidh a' chiad aithris gu robh i a dhìth. Tha na polais den bheachd nach eil dad amharasach mun bhàs agus gur e bàthadh a thachair dhi.

Seirbheisean cùraim san Eilean Sgitheanach

Chuala coinneamh san Eilean Sgitheanach a-raoir gu bheil adhartas mòr a dhìth fhathast ann an seirbheisean slàinte agus cùraim ann an ceann a tuath an eilein. Chaidh dusan leabaidh a ghealltainn ann an Ospadal Phort Rìgh an dèidh rannsachadh Sir Lewis Ritchie an-uiridh, ach chuala a' choinnneamh nach eil iad sin ann fhathast.

Seirbheisean adhair Cholla

Bidh deireadh na h-ath mhìos ann, air a' char 's tràithe, mus tòisich seirbheisean Hebridean Air eadar an t-Òban agus Eilean Cholla a-rithist. Sguir an t-seirbheis bho chionn cola-deug le eas-aonta mu sheirbheisean smàlaidh aig an raon-laighe ann an Colla agus Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid, a tha os cionn na seirbheis, ag ràdh gu bheil e a' faileachadh orra an luchd-smàlaidh fhasdadh.