£1m airson obair rannsachaidh air talamh mòintich

Talamh mòintich Image copyright UHI
Image caption Ni an rannsachadh, a mhaireas 'son còig bliadhna, air cho matha agus a dh'obraich oidhirpean gus talamh mòintich ùrachadh

Nì luchd-saidheans obair rannsachaidh luach £1m air mar a ghabhas mòintichean a dhìon bho bhuaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

Bidh an Dtr Roxane Andersen, a tha ag oair ann an Inbhir Theòrsa, an ceann sgioba de naoinear an dèidh taic-airgid luach £986,000 fhaighinn bho Urras Leverhulme.

Bidh an rannsachadh aca thairis air an ath chòig bliadhna a' coimhead air cho math agus a dh'obraich e gu ruige seo, talamh mòintich ann an Gallaibh agus Cataibh - a' mhòinteach de leithid as motha san Roinn Eòrpa - ath-bheòthachadh.

Talamh tearc

Tha talamh mòintich mar seo fìor chudromach ann an bhith a' toirt CO2 às an àrainneachd.

Bidh an Dtr Andersen, bho Institiud Rannsachadh na h-Àrainneachd aig Colaiste Cheann a Tuath na Gàidhleatchd UHI, ag obair còmhla ri buidhnean rannsachaidh à Canada a tha cuideachd a' dèanamh obair air talamh mòintich.

Thuirt i: "'S iad mòintichean an dòigh as èifeachdaiche air uachdar na talmhainn airson carbon a stòradh. Bidh iad a' cumail smachd air uisge agus an gnàth-shìde agus gheibhear ann lusan agus beathaichean nach fhaighear an àite sam bith eile.

"Ach, bidh buaidh air a h-uile càil sin ma thèid cron a dhèanamh air na monaidhean.

"Tha an t-sìde fhliuch fhionnar ann am Breatann a' fàgail nach fhaighear an seòrsa talamh mointich a th' againn ann am mòran àiteachan eile san t-saoghal.

"Rinn mac an duine milleadh air tòrr de thalamh mhòintich Bhreatainn agus mura tèid sin a chur ceart tha e a' ciallachadh gum faigh an t-uabhas de ghasaichean mìllteach mu sgaoil."

Thuirt an Dtr Andersen nach deach riamh obair cho mòr a dhèanamh airson talamh mòintich ùrachadh.