Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Droch Shìde

Tha rabhadh mu thuiltean fhathast ann an sgìrean air feadh Bhreatainn an dèidh Stoirm Dennis, le rabhadh air cunnart do bheatha ann an Worcestershire, Shropshire agus Herefordshire. Tha dusan rabhadh an Alba far an robh a' chuid as miosa den droch shìde sna Crìochan le aibhnichean a' cur thairis. Chan eil sgeul fhathast air boireannach leis an do dh'fhalbh an tuil faisg air Tenbury Wells ann an Worecestershire an-raoir. Bha an t-uisge as truime ann an 40 bliadhna ann an ceann a deas na Cuimrigh.

Caibineat na h-Alba

Chaidh Ceit Fhoirbeis ainmeachadh an-diugh mar Rùnaire an Ionmhais ann an Riaghaltas na h-Alba an dèidh do Dherek MacAoidh an dreuchd fhàgail. 'S ise a thug seachad am buidseat an àite Mhgr MhicAoidh aig Holyrood bho chionn faisg air cola-deug. Tha Fiona Hyslop cuideachd a' gabhail tuilleadh den dleastanas airson na h-eaconomaidh, agus chaidh Jenny Gilruth ainmeachadh mar Mhinistear airson Chùisean Eòrpach. Thèid dreuchdan Ms Fhoirbeis agus Ms Gilruth a dhearbhadh le bhòt sa Phàrlamaid a-màireach.

Gleann Nibheis

Chaill fireannach a bheatha nuair a thuit e far starain air an t-slighe gu Stob Bàn ann an Gleann Nibheis an-dè. Chaidh sgioba teasairginn Loch Abair a-mach goirid an dèidh meadhan-là, ach bha an duine, a bha 42, marbh mun àm a ràinig iad e.

Sìona

Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Sìona gur dòcha nach tèid seisean bliadhnail na Pàrlamaid air adhart air an ath-mhìos agus iad a' strì ris a' Chorona-Bhìoras. Tha an galar air còrr is 70,000 duine ann an Sìona a-niste, agus bha faisg air 1,800 bàs ann.

Colla

Bidh còmhraidhean eadar muinntir Eilein Cholla 's Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mu thòiseachadh às ùr air na seirbheisean adhair eadar an t-eilean agus an t-Òban. Stad an t-seirbheis aig Hebridean bho chionn cola-deug agus e a' faileachadh air a' Chomhairle luchd-smàlaidh fhastadh aig port-adhair an eilein.

Foghlam Gàidhlig

Dh'iarr Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, air tidsearan aig a bheil Gàidhlig ach a tha a' teagasg anns a' Bheurla beachdachadh air gluasad gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig mar fhuasgladh dhan trioblaid le gainnead thidsearan Gàidhlig air feadh Alba. Bha Mgr Swinney a' bruidhinn mun t-suidheachadh agus e a' tadhal air na h-Eileanan an Iar air an deireadh-sheachdain.