Bàs ann an Gleann Nibheis

Stob Bàn Image copyright Nigel Brown / Geograph
Image caption A' coimhead a-mach air Stob Bàn

Tha fireannach air bàsachadh an dèidh dha tuiteam 's e a' coiseachd ann an Gleann Nibheis.

Thuit e 's e a' coiseachd ri oir mòr-ghil mu thràth-dhiathaid Didòmhnaich.

Bha an duine, a bha 42, a' dèanamh air Stob Bàn nuair a thuit e goirid ro 1:00f.

Thathas a' tuigsinn gun do thuit e mu 100tr far an starain.

Chaidh Sgioba Teasairginn Loch Abair chun na làraich, ach lorg iad marbh e.

Aimsir dhùbhlanach

Bha an aimsir na dùbhlan don sgioba 's iad a-muigh, le uspagan 50 m.s.u. a' tighinn orra, a thuilleadh air sneachda, tàirneanaich is dealanaich.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Cuideachd air Ghàidhealtachd, Disathairne, chaidh Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill a dhèanamh cobhair air dithis a bh' ann an duilgheadas faisg air Eas Phloda faisg air Tomaich ann an Srath Glais.

Thuirt an sgioba gun robh an dithis air faighinn an duilgheadas san abhainn, ach gun deach aca air faighinn gu tìr.

Chaidh an lorg air an fhrìth-rathad 's iad air an lathadh leis an fhuachd.