Gearraidhean £2.6m air fàire aig CnES

Comhairle nan Eilean Siar

Cha robh cùisean ionmhais riamh cho doirbh do Chomhairle nan Eilean Siar aig an àm seo den bhliadhna, a rèir an Neach-gairm, Tormod Dòmhnallach.

Is coltach gum bi a' Chomhairle £2.6m thairis air buidseat aig deireadh a' Mhàirt.

Tha a' Chomhairle a' coinneachadh Dimàirt agus Diciadain a chur buidseat na h-ath-bhliadhna ionmhais air dòigh.

"Chan eil adhbhar sònraichte ann, ach tha sinne mar chomhairle agus a h-uile comhairle eile an Alba, tha iad air a bhith a' gearain mu dheidhinn cion airgid thairis air iomadach bliadhna a-nis," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Cìs na Comhairle

"Tha gearraidhean air a bhith ann gach bliadhna, agus an-dràsta 's a-rithist bidh sinn a' faighinn beagan airgid a bharrachd airson cùisean a thoirt air adhart, ach dha-rìribh tha e duilich a ràdh aig an ìre seo mar a dh'obraicheas am buidseat a-mach air am bi sinn a' co-dhùnadh aig deireadh na mìos a tha seo.

"Tha beachd againn aig an ìre seo gu bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn faisg air £1m a bharrachd, ach a thaobh sin, feumaidh sinn seirbheisean a bharrachd a lìbhrigeadh agus tha e a' ciallachadh nach eil an t-airgead a tha sin gu bhith gu leòr airson na rudan a dhèanamh.

"Tha sinn a' smaoineachadh gur dòcha gum bi suas ri £5m againn ri lorg air a' bhliadhna ionmhais a tha romhainn, agus tha sin gu bhith duilich dha-rìribh.

"Tha sin a' gabhail a-steach gur e 3% a bhios ann a thaobh an airgid a bhios sinn a' togail tro Chìs na Comhairle.

"Tha àrdachadh gu bhith anns a' Chìs Chomhairle de co-dhiù 3%, agus 's dòcha gum bi e nas àirde na sin.

"Bidh sin a rèir nan còmhraidhean a bhios againn thairis air a' chola-deug a tha romhainn.

"Tha sinn a' coimhead ri sàbhalaidhean a dhèanamh de faisg air £3m, agus cuideachd bidh sinn a' toirt suim airgid a-mach às an airgid a tha sinn a' cur an dàrna taobh anns a' bhliadhna a tha seo, agus 's iongantach mura feum sin pàirt dheth sin a chleachdadh cuideachd.

"Rud eile dheth, tha sinn air faisg air £1.5m a chall anns a' phrògram chalpa againn, agus feumaidh sinn 's dòcha coimhead às ùr air dè mar a bhios am prògram againn bho 2018 gu 2023.

"Chan eil Riaghaltas na h-Alba gu bhith a' stèidheachadh a' bhuidseit acasan chun a' 5mh là den Mhàrt, agus a-rithist chan eil buidseat an Riaghaltais ann an Westminster gu bhith a' stèidheachadh buidseit chun an 11mh là den Mhàrt.

"Tha sin a' toirt mì-chinnt a bharrachd ann, agus tha sin gu bhith gu math duilich ma 's e 's gum feum sinn a dhol air ais aon uair eile airson coimhead airson sàbhalaidhean," thuirt e.