Ath-sgrùdadh ga iarraidh air bàtaichean-aiseig

Bàt-aiseig

Dh'iarr am Pàrtaidh Uaine ann an Alba air an Riaghaltas àth-sgrùdadh a dhèanamh air na planaichean a th' ann airson cabhlach bhàtaichean-aiseig ChalMac ath-nuadhachadh.

Fhuair am pàrtaidh fiosrachadh oifigeil gun robh còrr air 1,000 turas aiseig le CalMac air a chur dheth an-uiridh ri linn trioblaidean teigniceach.

Bha sin suas cha mhòr 300 an taca ris a' bhliadhna ron sin.

Thuirt Còmhdhail Alba gun robh còrr air 99% de sheirbheisean a' seòladh mar a tha còir, agus gun robh plana ùr ga leasachadh an-dràsta airson bàtaichean ùrachadh.