Aithisg mu cheangal stèidhichte thar Chaolas a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain

Gheibh Comhairlichean Abrach fiosrachadh mu co-dhiù ghabhadh drochaid no tunail a chur thar Chaolas a' Chorrain.

Tha rannsachadh ga dhèanamh an-dràsta air ceangal stèidhichte a chur an àite an dàrna aiseig as trainge an Alba.

'S iad Comhairle na Gàidhealtachd, HITRANS agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean còmhla a tha a' maoineachadh an rannsachaidh, a tha ga dhèanamh leis a' chompanaidh Stantec, agus a tha a' leantainn air sgrùdadh eile a rinneadh air a' cheist ann an 2018.

Thathas a' tomhas am biodh cùis ghnothachais ann airson drochaid no tunail a chur tarsainn a' chaolais, an àite bàt'-aiseig a chumail air an t-slighe eadar Loch Abar agus Àird Dhobhair thairis air an ath 60 bliadhna.

Ceangail stèidhichte

Shònraich Stantec còig slighean a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson ceangail stèidhichte.

'S e drochaid ìosail a th' ann an dà dhiubh, le dhà eile airson drochaid àird, agus aonan airson tunail.

Chaidh aithisg obrach mun adhartas a tha ga dhèanamh a chur gu comataidh Loch Abair aig Comhairle na Gàidhealtachd, agus thèid beachdachadh oirre Diciadain.

Thathas ag iarraidh air comhairlichean aontachadh gun cuirear an aithisg dheireannach air a' phròiseact gu Còmhdhail Alba cho luath 's a ghabhas mar phàirt de dh'Ath-Sgrùdadh nam Pròiseactan Còmhdhail Ro-Innleachdail.