Fireannach san ospadal às dèidh tubaiste air an A828

Mapa

Chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal le heileacoptair eiridinn Diluain às dèidh tubaiste air an A828 faisg air Dùrar.

Thachair an tubaist mu 5:30f faisg air a' chladh san sgìre.

Cha robh ach aon charbad an sàs anns an tubaist.

Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè an staid anns a bheil an duine.

Bha an rathad dùinte 'son mu cheithir uairean de thìde fhad 's a bha na seirbheisean èiginn a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh.