Coinneamh ga h-iarraidh mu thaighean-croite is cùram

Taighean-croite Image copyright Gordon Hatton/Geograph

Dh'iarr buidheann de chomhairlichean sna h-Eileanan Siar gun tèid coinneamh shònraichte den Chomhairle a chumail a dheasbad mar a tha taighean-croite gan cleachdadh gus pàigheadh airson curàim do sheann daoine.

Tha iomairt a' dol gus stad a chur air mar a bhios Comhairle nan Eilean Siar a' toirt air daoine croitean agus na taighean orra a reic airson cosgaisean cùraim a phàigheadh.

Tha feadhainn an dùil gu bheil seo an aghaidh laghan croitearachd.

Chaidh a' choinneamh shònraichte den Chomhairle iarraidh le sianar de chomhairlichean an SNP, agus aon bhall neo-eisimeileach.