Fuasgladh nam bèilichean

Bèilichean Saidhleid Image copyright Getty Images

Tha ceist air iomadh croitear dè idir a nì iad leis a' phlastaig a th' air fhàgail bho na bèilichean saidhleid is pocannan bìdhe.

Chan fhaodar a losgadh no a chur ann am binichean an sgudail.

Ach tha plana aig Urras Iain Mhuir san Eilean Sgitheanach 'son ionad a stèidheachadh far an tèid a' phlastaig a chruinneachadh.

Thathas a' tomhas, a thuilleadh air mu 70,000 poca bìdhe plastaig a tha ga cheannach, gu bheil mu 10,000 bèile de shaidhleid ga dhèanamh san Eilean Sgitheanach gach bliadhna.

Losgadh Toirmisgte

Sin bèilichean de dh'fheur, air am pasgadh ann am plastaig 's e fhathast uaine, ach am picil e gun adhair a bhith a' faighinn thuige, mar bhiadh dha stoc air a' Gheamhradh.

Aon uair 's gu bheil am bèile air fhosgladh 'son 's gun ith na caoraich 's an crodh am feur ge-tà, feumar rudeigin a dhèanamh leis a' phlastaig dhuibh a th' air fhàgail.

B' àbhaist do chroitearan is tuathanaich a bhith ga losgadh, ach tha sin a-niste air a thoirmeasg.

"Tha e duilich dha-rìribh," thuirt Niall MacLeòid, bho Chaidreachas Croitearachd na h-Alba.

"'S e thachair bho chionn naoi bliadhna, chuir iad stad air a bhith ga losgadh. Thuirt SEPA nach fhaod sinn a dhèanamh idir.

"Agus tha suidheachadh uabhasach duilich ann bhon uair sin.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh, a h-uile plastaig a tha ann an croitearachd 's obair tuathanachais, chan eil e a' freagairt airson a chur dha na binichean beaga a th' againn aig an taigh. Chan fhaod iad sin a dhèanamh a-bharrachd.

"Tha an t-Suain agus Èirinn, mar a bhiodh dùil agad, tha iadsan a' coimhead ris, agus tha iadsan a' cur cìse air an duine a tha ga dhèanamh 'son gun cuidich e 'son an stuth a thoirt air ais agus feum air choireigin a dhèanamh dheth.

"Nis, sin rud a bu chòir dhuinne a bhith a' dèanamh.

"Bu chòir dhuinn a bhith a' bruidhinn ris na Buill-Phàrlamaid, feadhainn bho na comhairlean, 's a h-uile duine a tha sin, 's innis dhaibh an suidheachadh sa bheil sinn, 's gu bheil sinn a' feumachdainn cuideachaidh," thuirt e.

Tha a' chùis air aire na Buidhne Thar-Phàrtaidh airson Croitearachd aig Pàrlamaid na h-Alba - comataidh air a bheil BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a' suidhe.

"Bha mise a' sgrìobhadh litreach airson Buidhne Thar-Phàrtaidh na Croitearachd dhan Riaghaltas mu dhèidhinn seo," thuirt e.

"Tha tòrr a' faighneachd na ceist sin, dè nì croitearan leis a' phlastaig dhuibh a th' aca, agus chan eil freagairtean againn fhathast, ach tha mi cinnteach gum bi a' bhuidheann seo a' togail na ceist sin a-rithist 's a-rithist.

Gnothachasan Ùra

"Tha croitearan ag iarraidh gum bi a' phlastaig sin air a chleachdadh ann an dòigh a tha a chùm maith na h-àrainneachd, ach aig an aon àm chan eil e uabhasach practaigeach airson nan croitearan gu math tric," thuirt e.

Tha a' chùis na trioblaid ann am mòran sgìrean, ach san Eilean Sgitheanach, thathas ag iarraidh air croitearan a' phlastaig aca a thoirt gu àite ann an Inbhir Ghòrdain - baile a tha trì uairean de thìde air falbh bho cheann a tuath an eilein - gun dòigh aca air an stuth fhaighinn ann mura toir na croitearan fhèin ann e.

Tha Urras Iain Mhuir ag obair a dh'ionnsaigh fuasgladh fhaighinn dhan t-suidheachadh.

"Mar a tha mise ga thuigsinn, tha timcheall air 10,000 bèile de shaidhleid gan cruthachadh san eilean a h-uile bliadhna, agus a thuilleadh air sin thathas a' ceannach mu 70,000 poca de bhìdh stuic san eilean a h-uile bliadhna," thuirt Catherine Bailey, bhon Urras.

"Tha sin co-ionnan ri mu 20,000 tunna de phlastaig a ghabhadh ath-chuairteachadh a bhith ga chur fon talamh a h-uile bliadhna. Chan eil sin seasmhach.

"Tha tòrr rùm againne far a bheil sinn aig Tuathanas Srath na h-Àirde faisg air Ealaghol, agus bu mhath leinn fuagladh a thabhainn far an gabhadh plastaig àiteachais a chruinneachadh an seo.

"Bheireadh a h-uile duine am plastaig dhubh thugainne, 's dh'fhaodamaid a phasgadh ann am bèilichean, 's nuair a bhios làn làraidh againn dheth, cuireamaid e gu ionad ath-chuairteachaidh.

"Dh'fhaodadh gun toir sin cothroman do dhaoine gnothachasan ùra a thòiseachadh - dh'fhaodadh gun cruinnich cuideigin an sgudal bho eilean.

"Chan urrainn do chroitearan à ceann a tuath an eilein uile tighinn a dh'Ealaghol leis a' phlastaig, ach dh'fhaodadh cuideigin eile sa cheann a tuath seirbheis chruinneachaidh a thòiseachadh," thuirt i.