Fireannach marbh an dèidh tubaist bhàta
- Air fhoillseachadh

Tha na Poilis air innse gun do bhàsaich fireannach an dèidh dha tuiteam far bhàta faisg air Caol Loch Aillse.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm goirid ro 4:00f Dimàirt.
Chaidh an duine, a thathas a' tuigsinn a tha ag obair air tuathanas-èisg, dhan uisge faisg air Cala Bhaile MhacAra.
Chuidich bàta-teasairginn a' Chaoil agus heileacoptair nam Maor-Cladaich à Steòrnabhagh gus an duine a thoirt às an uisge, ach bha e marbh nuair a ràinig e Ospadal an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach.
Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara agus Poileas Alba a' rannsachadh na cùise, ach chan eileas a' dèiligeadh ris a' bhàs mar chùis amharasaich.
Thuirt a' chompanaidh thuathanas-èisg, Mowi: "Tha tachartas aig tè de na làraichean againn air 18mh Gearran air bàs adhbharachadh.
"Tha sinn uile air ar n-uabhasachadh leis an naidheachd, agus tha ar smuaintean leis an teaghlach, an caraidean agus co-obraichean aig an àm seo.
"Chuireadh fios air na h-ùghdarrasan iomchaidh, agus tha iad sin a-niste a' rannsachadh.
"Seach gu bheil rannsachadh a' dol air adhart, chan eil an còrr fiosrachaidh ri thoirt seachad aig an ìre seo."