BARRA HUB
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh ann am Barraigh mu plana airson goireasan ùra

19 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann am Barraigh mu phlana Chomhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, gus ospadal, goireasean cùram agus sgoil ùr a thogail air an aon làrach.

Tha cuid sa choimhearsnachd ag ràdh nach eil iad idir a' faighinn fiosrachaidh mu na tha dol, agus tha iarrtas ann a-niste ionad fiosrachaidh mun phròiseict a' steidheachadh air an eilean.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.