Deasbad mu chosgaisean cùraim

Taighean-croite Image copyright Gordon Hatton/Geograph

Thèid deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin air a bheil e ceart do Chomhairle nan Eilean Siar a bhith ag iarraidh air feadhainn fearann croite agus taighean croite a reic mu choinneimh chosgaisean cùraim chairdean.

Tha connspaid agus gearain ann mu phoileasaidh na Comhairle agus feadhainn ag ràdh gu bheil e mì-laghail a bhith a reic chroitean a tha air mhàl.

Bidh diofar ùghdarrasan ionadail a' dèiligeadh ris a' chùis ann an dòighean eadar-dhealaichte.

Thuirt an Comhairliche Calum Mac Ille Mhaoil, ged a tha cosgaisean ann a thaobh cùraim gum feumar coimhead a bheil a' chomhairle a' gabhail na dòigh ceart mu chuairt a bhith a' togail an airgid.

Reachdas croitearachd

Bha e ag ràdh: "Feumaidh sinn mar chomhairlichean ceannas a thoirt seachad air càit a bheil sinn a' dol agus poileasaidh a dhèanamh, agus thuige seo bha poileasaidh ga dhèanamh "on the hoof" - bha dhà no thrì aithisgean air a dhol suas agus cha do ghabh na comhairlichean beachd air dè bha còir aca a bhith a' dèanamh.

"Sin a dh'fheumas sinn a chur romhainn a-nis - càit a bheil obair na croitearachd agus dè na còirichean a th' aig na croiteran a thaobh còir air an fhearann."

A thaobh comhairle laghail a fhuair a' chomhairle, bha e ag ràdh: "Fhuair iad comhairle an robh e laghail dhaibh cosgaisean a thogail agus an robh e laghail do chroitearan pàigheadh airson cosgaisean cùraim.

"Tha sin eadar-dhealaichte bho bhith a' dol an sàs ann an reachdas croitearachd, agus ma tha còir aig daoine air an fhearann, 's ann a tha a' chomhairle a' toirt bhuapa nan còirean a tha sin", thuirt e.