Drochaid no tunail do Chaolas a' Chorrain?

Published

Ghabh comhairlichean Loch Abair ri molaidhean a dh' fhaodadh drochaid neo tunail a chur air Caolas a' Chorrain.

Chaidh aithisg mu choinneamh na comhairle agus Buidheann Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean HITRANS, anns a bheil còig roghainnean eadar drochaidean ìosal agus àrd no tunail.

Thèid an aithisg sin a-nis gu Riaghaltas na h-Alba, ged nach eil fios fhathast dè a chosgadh pròiseact den t-seòrsa no cò às a thigeadh an t-airgead air a shon.

Thuirt Luke Alexander aig a bheil taigh-òsta aig a' chidhe ann an Àird Ghobhar gu bheil an t-aiseag a' cur bacadh air a' ghnìomhachas aige: "Feumaidh daoine falbh air an aiseag mu dheireadh aig 21:20, agus leis an sin, chan eil cuid de dhaoine a' tighinn tarsainn idir."

media captionDrochaid no tunail thar Chaolas a' Chorrain?

Obraichean

Cuideachd, tha an t-aiseag fhèin a' fàs aosta agus tha na faraidhean air a bhith a' dol suas thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh.

Bha an Comhairliche Anndra Baxter ag ràdh nach eil an t-aiseag a' dèanamh ciall a-nis.

Thuirt Luke Alexander gu bheil e dhan bheachd gun cruthaicheadh ceangal stèidhichte obraichean.

Tha an t-aiseag ge-tà a' cumail cosnadh ri còrr air deichnear, agus thuirt Màiri Anna NicUalraig, aig a bheil gnìomhachas anns an sgìre: "feumaidh sinn an còmhnaidh a bhith a' cur cheist gus an dèan sinn cinnteach gun tèid an fhreagairt as fheàrr a lorg dhan an àireamh as motha dhen t-sluagh."