Cuimhneachan airson sreapadairean

Ìomhaigh shnaidhte Image copyright Collie MacKenzie Heritage Group
Image caption Dealbh a' sealltainn cò ris a bhiodh an ìomhaigh shnaidhte coltach.

Thèid ìomhaigh shnaidhte umha a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach mar chuimhneachan air dithis shreapadairean is iomairt gus airgead a thogail air a shon air soirbheachadh.

Thèid an ìomhaigh dhen Ollamh Tormod Collie agus Iain MacCoinnich a thogail ann an Sligeachan.

Chaidh Buidheann Dualchais Collie agus MhicCoinnich a stèidheachadh airson urram a thoirt dhan dhithis a choisinn cliù mar shreapaidearan, an t-Ollamh Tormod Collie agus Iain MacCoinnich.

Sconnsair

Bhuineadh Iain MacCoinnich do Sgonnsair agus thòisich e a' dol dhan Chuiltheann nuair a bha e deich bliadhna de dh'aois.

B' e a' chiad Albannach a chaidh na fhear-iùil nam beann proifeasanta.

Choinnich e ris an Ollamh Collie, a bha na fhear-saidheans le cliù eadar-nàiseanta agus na eòlaiche bheanntan, san Eilean Sgitheanach agus chaidh an dithis nan caraidean.

An Cuiltheann

Chruthaich iad tòrr dhe na slighean coiseachd agus sreapa sa Chuiltheann.

Bha Buidheann Dualchais Collie agus MhicCoinnich mar-thà air £200,000 not a thogail gus pàirc chàraichean, bùird fiosrachaidh agus àiteachan-suidhe a stèidheachadh.

Tha iad a-nise air còrr air £100,000 a bharrachd a thogail airson ìomhaigh shnaidhte umha a chruthachadh.

Thèid a stèidheachadh ann an Sligeachan, is dòchas ann gun tèid fhoillseachadh san t-Sultain.