Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionnsaigh Ghunna

Tha oifigich sa Ghearmailt a' dèiligeadh mar cheannairc ri ionnsaigh ghunna an-raoir anns an deach naoinear a mharbhadh. Thug duine, a bha 43 bliadhna de dh'aois, ionnsaigh air dà bhàr shisha ann am baile Hanau faisg air Frankfurt ann am meadhan na dùthcha. Tha e coltach gur e Curdaich a bh' ann am feadhainn de na chaill am beatha. Thuirt poilis gun d' fhuair iad fear a' ghunna agus a mhàthair marbh nan dachaigh.

Corona-Bhìoras

Tillidh mòran de na Breatannaich a bha glacte leis a' chorona-bhìoras air bàta ann an Iapan dhachaigh à Tokyo a-màireach. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin gun tèid an cumail airson cola-deug aig ionad sa Wirral. Chan fhaigh feadhainn air a bheil coltas a' ghalair cead tilleadh a Bhreatainn an-dràsta.

Tuiltean

Tha mìltean dhaoine air an tàinig na tuiltean aig toiseach na seachdain a' feitheamh ri tuilleadh uisge trom. Tha dùil gur ann sa Chuimrigh agus an ceann an iar-thuath Shasainn a bhios an t-uisge as truime an turas seo. Tha còrr 's 100 rabhadh 'son tuiltean ann fhathast air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Stailc nan Òraidichean

Thòisich òraidichean aig 74 oilthigh air feadh Bhreatainn air stailc fad cola-deug an-diugh a bheir buaidh air còrr 's millean oileanach. Tha iad a' gearan air peinnseanan agus cùmhnantan obrach. Tha buill an aonaidh aca a' togail fianais aig Pàrlamaid na h-Alba.

Taighean Croite

Tha deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air am bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar a bhith ag iarraidh air feadhainn fearann agus taighean croite a reic 'son cosgaisean cùraim chàirdean a phàigheadh. Tha connspaid agus gearan ann mu phoileasaidh na Comhairle agus feadhainn ag ràdh gu bheil e mì-laghail a bhith a' reic chroitean a tha air màl. Tha feadhainn de na buill air coinneamh shònraichte den Chomhairle iarraidh air a' chùis.

Caolas a' Chorrain

Ghabh comhairlichean ann an Loch Abar ri molaidhean a dh'fhaodadh drochaid no tunail a chur air Caolas a' Chorrain. Chaidh aithisg mu choinneimh na Comhairle agus Buidheann Còmhdhail na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HITRANS, anns a bheil còig roghainnean eadar drochaidean ìosal agus àrd, air no tunail. Thèid an aithisg a-niste gu Riaghaltas na h-Alba ged nach eil fios fhathast dè chosgadh pròiseact den leithid no cò às a thigeadh an t-airgead air a shon.