Cù beò an dèidh dha a bhith glacte ann an toll fad ceithir là

Chris Blake agus Monty Image copyright Chris Blake

Tha cù Jack Russell beò an dèidh dha a bhith ceithir là glacte fon talamh ann an coille air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh Monty, 9, à sealladh faisg air Baile Màiri Là na Sàbaid nuair a bha e a-muigh air chuairt leis an fhear leis a bheil e, Chris Blake, agus Jack Russell eile.

Dh'iarr Mgr Blake air daoine a chuideachadh gus Monty a lorg agus chaidh suas ri 50 duine a-mach gu saor-thoileach a' coimhead air a shon thairis air dà là.

Nam measg bha geamair às an àite agus neach le dròn.

Nuair a chuala màthair-chèile Chris Black comhartaich coin a' tighinn à toll ann an creag mhòr sa choille chleachd e uidheamachd shònraichte airson Monty fhaighinn às.

Image copyright Chris Blake
Image caption Chris Blake le grèim teann air Monty

Tha companaidh creig-eòlais aig Mgr Black agus rinn e moladh air fear a tha ag obair dha, Louis Ray, 18, a bha a' cladhadh airson trì uairean de thìde airson Monty, a bha glacte eadar dà chreig, a shaoradh.

Mu dheireadh thall chunnaic iad sròn a' choin agus thuirt fear a bh' anns an sgioba rannsachaidh gun deadh esan a-steach dhan toll ga iarraidh leis gu robh e nas lugha na càch.

Chaidh e fhèin à sealladh nuair a chaidh e sìos fon talamh.

B' fheudar dhan luchd-teasairginn eile a chumail mu na h-adhbrannan, agus dh' èigh a h-uile duine eile "gaisgeach" air nuair a rug e air a' chù agus tharraing e às an toll e.

Thuirt Mgr Blake: "Bha deòir nar sùilean agus bha an cù ag imleach m' aodainn."

Thuirt lighiche-sprèidh gu robh am pathadh mòr air Monty agus gu robh na cruachain aige gort ach nach robh dùil aige gum biodh seo maireannach.

Thuirt e nach biodh e air tiginn às beò nan robh e là neo dhà eile glacte fon talamh.

Thuirt Mgr Blake gum biodh e a' seachnadh na coille airson greis mhòr: "Cumaidh sinn ris an tràigh o seo a-mach."

Image copyright Chris Blake
Image caption Tha dùil gum bi Monty cho fallain agus a bha e riamh ann an ùine gun a bhith ro fhada